Lùnasdal

028a

Cha do sgrìobh mi an seo o chionn fhada, barrachd na mìos gu lèir. Tha liosta bheachdan agam agus corra alt a thòisich mi, ach bha mi trang le rudan eile anns na seachdainean sa chaidh agus cha robh ùine agam crìoch a chur orra agus am foillseachadh. Agus an uair sin bha mi a’ faireachdainn dona mu dheidhinn agus thòisich mi am blog a sheachnadh gu lèir. Tha sin gu math tipigeach na mo bheatha, nuair a tha mi mi-thoilichte le mo chuid dìcheall ann an cuspair air choireigin, gu tric bidh e a’ bualadh mo chogais agus bidh e nas doirbhe is nas doirbhe dhomh tilleadh dhan rud sin agus leantainn orm.

Saoilidh mi gur e leantaileachd am facal a tha cudthromach an seo, agus bha mi an còmhnaidh a’ strì le sin. Gu tric tha mi ag iarraidh leantainn orm le rudeigin, agus cha dèan mi an gnothach air, bidh mi ga dhàileachadh, agus an uair sin tha nàire orm oir tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi leisg, agus bidh mi a’ teicheadh bhon rud sin. (Seo as aobhar nach do chuir mi crìoch air a’ cheum agam air an oilthigh fhathast, mar eisimpleir… ^^)

Ach air an làimh eile, bu chòir dhomh aideachadh dhomh fhìn nach eil mi leisg agus gu bheil mi a’ dèanamh an gnothach air iomadh rud. ‘S ann dìreach chionn goirid, nuair a bha mi mi-thoilichte leam fhìn agus a’ faireachdainn neo-choileanta, gun do chuimhnich mi gu h-obann gu bheil mi air corra rud ùr a thòiseachadh anns an leth-bhliadhna sa chaidh, agus gu bheil a’ mhòr-chuid dhaibh a’ dol reusanta math agus a’ toirt tlachd is misneachd dhomh:

Aig deireadh na bliadhna sa chaidh, chuir mi romham trì rudan ùra ionnsachadh: cluich na fideige, an cànan Eabhra, agus snìomhadh le feàrsaid. Beagan mìosan as-dèidh sin, as t-Earrach, thòisich mi trì rudan ùra eile (cha do mhothaich mi sin ach o chionn goirid): am blog seo, lùth-chleasachd gach madainn, agus fàs glasraich air a’ bhalconaidh. Co-cheangailte ris na dà rud mu dheireadh sin, dh’ fheuch mi cuideachd biadh nas fhallaine ithe san fharsaingeachd.

Mar sin, seadh, chan eil an cidsin agam uabhasach sgiobalta, ach tha tomàtothan is cularanan a’ fàs taobh a-muigh doras a’ chidsin. Chan eil mi a’ leantainn orm gu dìcheallach leis a h-uile cànan a dh’ ionnsaich mi a-riamh, ach tha cead agam a bhith moiteil asam fhìn oir tha mi comasach cànan ùr ionnsachadh gu math luath. Chan eil mi air tighinn uabhasach fada leis an fhideig, ach cha robh foghlam ciùil agam riamh roimhe, agus tha mi sona gu leòr leatha. Tha mi fhathast ag ithe cus stuth mi-fhallain, ach tha mo cholann slan is làidir agus bu chòir dhomh a bhith taingeil airson sin.

Agus tha a h-uile rud seo air an aon leasan a theagasg dhomh: thig soirbheas le ceumannan beaga. Agus ma nì mi rudeigin a tha cudthromach dhomh gach latha, bidh e a’ toirt toileachas dhomh fiù ’s mura bheil mi a’ faicinn soirbheas no leasachadh gach latha. Agus ma dhìochuimhnicheas mi e latha air choireigin, no mura bheil tìde agam, chan e aobhar nàire a th’ ann agus faodaidh mi dìreach leantainn orm an ath-latha.

Leugh mi alt brèagha air Féill Lùnasdail air a’ bhlog seo à Éirinn (Beurla). Tha mi ag aontachadh gu bheil e cudthromach gur e féill Tailtiu a th’ ann, chan e féill Lugh. Ann an dualchas cuid de na sgìrean na Gearmailt, ’s e mìos Mhoire a th’ anns an Lùnasdal, co-cheangailte ri beannachd nan lusan is buain an arbhair. Chuir e nam chuimhne gur e seo an t-àm dhen bhliadhna gus urram a chur air na tha a’ toirt dhomh altram is beathachadh: màthair na tìre, mo cholann, caraidean, tidsearan, daoine bhrosnachail is cuideachail, daoine a chruthaicheas rudan àlainn.

Thòisich mi am blog seo leth-bhliadhna air ais, aig Féill Brìghde. Tha e air sonas is brosnachadh is iomadh beachd ùr a thoirt dhomh. Chan eil mi ag iarraidh a dhearmad agus tha mi a’ cur romham cumail orm sgrìobhadh an seo turas no dà gach seachdain.

(Tha mi fhathast ag iarraidh corra alt fhoillseachadh a sgrìobh mi anns na seachdainnean sa chaidh, mar sin cha bhi dad a’ nochdadh le cinn-latha ùra airson greis ach le cinn-latha bhon Òg-mhìos is Iuchar.)

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Latha ann an Dùn Èideann

P1030062    P1030085

P1030071    P1030080

(shuas: An caisteal air sgeadachadh le magnolia; Feasgar aig a’ Chanal; shìos: Lotaichean inntinneach faisg air Dean; aig an allt shìos ann an Dean)

Seo rud no dhà a bha mi fhathast ag iarraidh innse dhuibh bho na saor-laithean againn ann an Alba. As-dèidh dhuinn tilleadh à Ìle, chuir sinn latha seachad ann an Dùn Èideann. Chan eil mi an sin gu tric agus tha e an còmhnaidh inntinneach rudan ùra is oiseanan eadar-dhealaichte dhen bhaile fhaicinn.

An turas seo bha sinn a’ fuireach ann an L&B faisg air Fountainbridge agus an Canal, sgìre air nach robh mi cho eòlach roimhe, nàire orm. Chòrd e rium glan, bha an L&B fhèin ann an sràid bheag shàmhach, agus bha iomadh bùth is taigh-bìdh snog faisg air làimh. Chan eil an t-àite fada bho Mhargadh an Fheòir agus Sràid nam Prionnsachan nas motha.

Abair iongnadh gun robh an tram a’ ruith mu dheireadh thall – ach falamh! Chuala mi gun robh iad a’ dèanamh dheuchainnean o chionn an Dùbhlachd… Uill, tha coltas spaideil air co-dhiù 😉 Chan eil tramaichean cho brèagha againn ann an Cologne no Düsseldorf.

Bha meadhan a’ bhaile loma-làn daoine oir b’ e feasgar Di-Sathairne a bh’ ann. Bha sinn ag iarraidh rud no dhà a cheannachd, ach as-dèidh sin theich sinn do aon de na h-àiteachan as fheàrr leam sa bhaile air fad, Water of Leith. Chòisich sinn bho Dean gu Roseburn, agus abair oidhche bhrèagha shìtheil a bh’ againne ann an gleann an uillt.

Eadar dà sgeul, a bheil fhios aig cuideigin mu dheidhinn nan lotaichean beaga ud (anns an dealbh shuas) faisg air Dean? Bha iad a’ còrdadh rium glan, ’s e beachd snog a th’ ann leis na bothanan beaga anns a’ bhalla, agus bha a h-uile rud gu math sgiobalta. Sin an dearbh rud a tha mise ag iarraidh anns a’ bhaile agam fhèin!

An uair sin thachair sinn ri seo:

P1030081

Bha pàirt dhen chas-cheum dùinte air sàilleibh maoim-sléibhe, agus seo eisimpleir math airson diofaran cultarach: Stad an duine agam agus bha e ag iarraidh slighe eile a ghabhail. Sin a nì Gearmailteach dleasail. Fad ’s a bha sinn a’ leughadh nam postairean fiosrachaidh (“Cunnart mòr! Tha an t-sliabh a’ tuiteam às a chèile!”) chunnaic sinn té a’ dol tro bheàrn eadar am feansa is an allt, agus a’ cumail oirre mar nach robh dad ceàrr, agus an uair sin fear eile, agus fiù ’s fear a thog an rothair aige thairis air an fheansa. “Ceart ma-tha”, thuirt mi, “nì sinn seo cuideachd”. Chum sinn oirnn agus bha a’ phàirt dhùinte ceart cho trang ri na pàirtean eile dhen slighe. Na dèanaibh seo sa Ghearmailt, a charaidean! 😉

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

A’ sreap ri meadhan-samhraidh

DSC00130a

Mise a’ coimhead air na cinn-phollan

san lochan

a’ phioghaid a’ coimhead air a’ chat

san fheur

an seann fhear a’ coimhead air an arbhar

a’ fàs

an sùil mhòr àrd os cionn

gun choimhead

air dad sam bith

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , | Sgrìobh beachd

Feòil, feòil, feòil

Leugh mi ann an iris bìdh gun do dh’ ith na Gearmailtich 20 kg feòil circe gach duine sa bhliadhna 2013. Anns na 1950an b’ àbhaist dhaibh 2 kg ithe gach duine gach bliadhna. Àiteigin eile leugh mi gum biodh daoine a’ cosg 1.6 % a’ chosnaidh mhìosail (àbhaistich) airson 1 kg feòil mhuice anns na 1950an, agus 0.28 % ann an 2002.

As-dèidh dhomh tachairt air na h-àireamhan seo, bha mi ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh fhaighinn agus rinn mi beagan rannsachaidh. Fhuair mi a-mach gu bheil na Gearmailtich ag ithe 60 kg feòil gu léir gach duine gach bliadhna. Mo chreach sa thàinig, tha sin a’ ciallachadh 5 kg gach mìos, barrachd na cileagram gach seachdain! Agus le mu 5 % nan Gearmailteach nam feòil-sheachnairean, agus gun teagamh daoine eile nach ith ach beagan feòla, feumaidh gu bheil daoine ann a dh’ itheas tòrr air bharrachd.

Chan eil biadh gu leòr airson nam beathaichean sin a’ fàs anns an dùthaich. Feumaidh tuathanaich tòrr arbhair a cheannachd à dùthchannan eile, gu h-àraidh à Aimeireaga a Deas, far an tèid 130.000 km2 a chleachdadh gus biadh fhàs do bheathaichean anns an Roinn-Eòrpa. Cleachdar barrachd air 40% an arbhair air feadh an t-saoghail airson biadh bheathaichean. Bidh tuathanaich ann an Aimeiraga a Deas a’ fàs tòrr phònairean sòighea gus an reic do na dùthchannan beartach an Tuath, agus tha sin gu math dona dhan àrainneachd an sin.

Bhiodh e fada nas fhasa arbhar is glasraich gu leòr fhàs do na daoine ann an dùthchannan bochda mura cleachdte an t-àite airson biadh bheathaichean. Feumar barrachd na 15.000 liotair uisge gus cileagram feòil mairt fhaighinn. Bhiodh sin gu leòr airson a dheich uiread de buntàta no a cheud uiread de curranan! Tha cunnart mòr ann cuideachd bho na cungaidhean a thèid a chleachdadh gus na beathaichean a chumail beò, bhon na puinnseanan a thèid a chleachdadh air na h-achaidhean, agus bhon gin-atharrachadh a tha a’ cosnadh beartas do-chreidinneach do chompanaidhean mar Monsanto agus a’ milleadh structaran tuathanachais dhùthchasaich.

Nise, dè tha mi a-mach air? Chan eil mi ag ràdh gum feum a h-uile duine feòil a sheachnadh. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil feòil a’ còrdadh ri mòran daoine, agus tha beagan feòla nas fheàrr na cus aran is rudan milis. Ach nan itheadh daoine anns an Roinn-Eòrpa dìreach, can, leth-chuid an fheòla a tha iad ag ithe an-diugh, bhiodh sin fada nas fheàrr don àrainneachd is do chinne-daonna.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | 1 bheachd

An té nach dèan cur sa Mhàrt…

013    005

Peasraichean aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: wow 😀

014    010a

Cularanan aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: beagan slaodach, ach a’ fàs co-dhiù (an fheadhainn beaga bìodach anns na poitean, sin piobaran).

015    004a

Zucchini aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: chuir mi ann am poit mhòir iad agus tha iad a’ dèanamh glè mhath.

017    009a

Tomàtothan, piobaran is lusan aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: chan eil na tomàtothan ro dhona, na piobaran fhathast gu math beag, agus tha na lusan uile gu dòigheil:

027a‘S e seo a’ chiad bhliadhna a tha mi a’ feuchainn ri barrachd glasraich fhàs air a’ bhalconaidh agam. Anns na bliadhnaichean sa chaidh, cha robh ach lusan is flùraichean agam, agus bha mi an còmhnaidh dhen bheachd nach biodh àite gu leòr ann airson glasraich agus nach b’ fhiach e. Ach tha e a’ còrdadh rium glan a-nis, agus tha an t-iongnadh orm gu bheil iad a’ dèanamh cho math, ged a bha an t-earrach dorch is fliuch.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Margaideachd

DSC00121Chunnaic mi seo anns a’ bhùth o chionn beagan laithean: muesli do fhir is do mhnathan. Dé fon ghréin?? Ach cha robh seo a’ chiad turas a chunnaic mi stuth gòrach mar sin, agus saoilidh mi gu bheil e air fàs nas cumanta anns an linn seo. Nuair a bha mi nam nighean bheag, cha robh an uiread de rudan pinc ann, cha robh Lego eadar-dhealaichte no uighean seòclaid do nigheanan is balaich againn.

Aig an aon àm, tha e soilleir gu bheil mòran rudan air fàs nas fheàrr airson boireannach anns na deich bliadhna air fhichead sa chaidh – nuair a bha mi nam nighean bheag, cha robh cothroman ceart cho math do bhoireannaich anns an t-saoghal obrach, mar eisimpleir.  Bha beachdan gu math seann-fhasanta fhathast aig cuid dhaoine, ach a dh’ aindeoin sin chan eil cuimhne agam gun robh an uiread de stuth ri cheannachd gu sònraichte do fhir is do bhoireannaich.

Agus seo an rud, saoilidh mi: Tha na companaidhean ag iarraidh barrachd is barrachd stuth a reic dhuinn. Bhiodh bocsa làn Lego gu leòr airson dithis no triùir chloinne ann an teaghlach, is dòcha airson an ath-ghinealachd cuideachd. Ach ma tha Lego do nigheanan is Lego do bhalaich ann, feumar tuilleadh a cheannachd gus am bi a h-uile paiste toilichte.

Agus an aon rud le muesli. Tha an fheadhainn anns an dealbh gu math daor cuideachd. Chan eil fhios agam cò bhios gan ceannachd idir. B’ urrainnear gràinean, cnòthan is measan a cheannachd agus am muesli phearsanta a mheasgachadh anns a’ chidsin gach madainn. Ach a-rèir coltais tha dùil aig a’ chompanaidh gum bi daoine a’ creidsinn gu bheil an fheadhainn seo gu sònraichte feumail is slan no rud mar sin.

A bheil sibh air stuth do-chreidsinneach mar seo fhaicinn anns na bùithean cuideachd?

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , | Sgrìobh beachd

Cuimhneachain Ìle

P1030092

Seo na rudan a thug mi dhachaigh leam à Ìle. Snàth brèagha ann an dathan na mara, air a dhèanamh le Sùsaidh air a’ chuibhle-shnìomha aice. Snàth alpaca bho bheathaichean ann am Port na h-Abhainn. Cuid chàirtean le dealbhan sìoda bhon té ann an Islay House Square (seo ise). Leabhar inntinneach mu eachdraidh Ìle is Colonsaidh. Càirt le dealbh brata-ghrèise a tha air a’ bhalla ann an Ionad Chaluim Chille (dealbh uabhasach brèagha le bàta air a’ chuan ann an dathan deàlrach). Cé làimhe bho Spirited Soaps, companaidh bheag le bùth ann an Bògh Mhòr. Slige bhon tràigh. Oh, agus fhuair mi na DVDean Downton Abbey ann an Dùn Èideann, o chionn ’s nach eil an t-sreath as ùire air foillseachadh anns a’ Ghearmailt fhathast.

Bha mi caran brònach gun robh na saor-laithean seachad cho luath, ach air an làimh eile tha mi toilichte is taingeil gun robh sinn ann, gun robh naoi laithean agam còmhla ri A, dìreach an dithis againn, gun dleastanas sam bith, gun chòmhradh mu dheidhinn obrach is stuth mar sin. Chan eil sin againn gu tric. Bha an t-sìde ceart gu leòr cuideachd. Cha robh i buileach cho grianach ’s a tha i beagan nas anmoiche sa bhliadhna, aig deireadh a’ Chèitean no san Òg-Mhìos, ach cha do chuir sin dragh oirnn.

A dh’ aindeoin sin, bha cianalas orm airson seachdain no dhà as-dèidh dhuinn tilleadh, ged a bha fhios agam gun robh sin caran gòrach. Ach tha saor-laithean sa Chèitean a’ ciallachadh bliadhna eile gun chothrom dhomh Meadhan an t-Samhraidh a chur seachad anns na h-eileanan, agus ann an dòigh neònach, bha mi ag ionndrainn Tiriodh fad ’s a bha mi ann an Ìle.

Air aobhar air choireigin bha dùil agam gum biodh Ìle coltach ri Tiriodh no Colla, agus cha robh. Chan eil mi ag ràdh nach eil Ìle brèagha no inntinneach, ach dhomh-sa cha robh e a’ faireachdainn mar phàirt nan Innse Gall, bha e nas coltaiche ri cuid de na sgìrean air taobh siar na tìr mhòir, no is dòcha àite ann an Èireann.

Rud a bha gam chuideachadh an-aghaidh an sunnd neònach sin, b’ e sin an gàrradh beag bìodach agam. Dh’ fhàg mi cuid de na planntaichean beaga aig na nàbaidhean againn fad ’s a bha sinn air falbh, agus fhuair mi air ais iad uile slan fallain. Chuir mi tòrr obrach ann am mìos seo agus tha a h-uile rud a’ fàs is a’ soirbheachadh. Ach seo cuspair airson latha eile… Agus seo mìos eile seachad air a’ bhlog agam 🙂

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , , , | Sgrìobh beachd

Sùil air ais air Ìle, pàirt 2

P1020894    P1020989

P1020795    P1020907

Feumaidh nach robh mi anns na h-eileanan gu tric aig an àm seo dhen bhliadhna, oir chan eil cuimhne agam gu bheil mir air uiread de uain ùra fhaicinn. No is dòcha gu bheil mi a’ toirt barrachd aire a-nis agus mise an sàs le snìomhadh agus a’ smaoineachadh air clòimh is olann fad na h-ùine 😉 Mhothaich mi gun robh leth-aonan aig mòran de na caoraich, agus abair sealladh lurach!

Chunnaic sinn tòrr bheathaichean, chan ann caoraich a-mhàin, ach gobhair fhiadhaich anns an Oa (rubha faisg air Port Ìlein), agus bà, eich – bha mu fhichead each aig an tuathanas far an robh sinn a’ fuireach, agus abair eich àlainn nam measg! Agus cuid dhiubh gu math mì-mhodhail, gar teannachadh ann an oisean agus a’ rannsachadh ar pòcaidean airson greimeagan. Cha robh dùil aig an duine bochd agam air rud mar sin 😉

Mhothaich mi rud inntinneach mu na h-ainmean-àite: Tha tòrr àiteachan le “-bus” ann, m.e. Risabus, Cornabus, a.m.s.a.a. Chan fhaca mi seo anns na h-eileanan eile, ach tha e glè fhoilleasach gu bheil iad bhon fhacal Lochlannach bólstaðir, a’ ciallachadh tuathanas, a leasaich gu “-bost” ann an Leòdhas, no “-pol” ann an Tiriodh. Dè tha sin ag innse dhuinn? Bha na Gaidheil uile leisg le fuaimneachadh nam faclan Lochlannach, ach bha iad leisg ann an dòigh eadar-dhealaichte anns gach eilean.

Gu mì-fhortanach cha robh mòran cothrom agam Gàidhlig a chluinntinn is a bhruidhinn ann an Ìle. Ach than e coltach gu bheil coimhearsnachd nan Gaidheal gu math beò anns an eilean. Bha mi ag iarraidh coinneachadh ri té air a bheil mi eòlach bhon eadar-lìon (bhon a tha ùidh aig an dithis againn ann am figheadh is snìomhadh), agus dh’ aontaich sinn gum biodh e snog coinneachadh aig Ionad Chaluim Chille Ìle, oir bhiodh cothrom againn pàirt a ghabhail anns a’ chearcall chòmhraidh a bhios a’ tachairt an sin gach seachdain.

Bha buidheann bheag is gu math measgaichte ann, daoine òga a tha ag ionnsachadh Gàidhlig aig an sgoil, agus daoine nas sine le Gàidhlig bho thùs, luchd-toiseachaidh is luchd-ionnsachaidh adhartaich. Feumaidh mi aideachadh gun robh duilgheadas agam leis an dualchainnt – tha mi cho cleachdte ri Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich, nan Hearadh is Barraigh, agus tha am blas Ìleach cho eadar-dhealaichte. Is dòcha gu bheil e car coltach ri Gàidhlig Tiristeach, ach cha robh mi a’ bruidhinn Gàidhlig le daoine ann an Tiriodh gu tric, ged a tha mi air a bhith ann iomadh turas.

A dh’ aindeoin sin, bha spòrs agam agus bha mi toilichte faicinn gu bheil a’ Ghàidhlig cho beò ann an Ìle. ‘S e àite brèagha brosnachail a th’ ann an Ionad Chaluim Chille, togalach mòr soilleir ri taobh na mara. Bha buidheann cloinne ann fad’ s a bha mi a’ gabhail lòn, agus Gàidhlig aca uile.

As-dèidh a’ chearcaill chòmhraidh, bha leasan snìomhaidh a’ feitheam rium. Bha Sùsaidh air a’ chuibhle-shnìomha aice a thoirt leatha – cuibhle thradaiseanta Ghaidhealach – agus mhìnich i dhomh ciamar a tha i ag obair. Chan eil mi-fhìn ach a’ snìomhadh le feàrsaidean, agus cha do dh’ fheuch mi cuibhle a-riamh roimhe, ach tha mi ag iarraidh té fhaighinn uaireigin. Bha a’ chuibhle aig Sùsaidh a’ còrdadh gu mòr rium, ach bha trioblaid agam oir bha mo chasan cho cleachdte ris an rothair agus bha mi a’ dol fada ro luath 😉

Co-dhiù, seallaidh mi dhuibh a-màireach dè na cuimhneachain bhrèagha a fhuair mi bhon latha sin, agus bhon t-seachdain ann an Ìle gu lèir.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Sùil air ais air Ìle, pàirt 1

P1020677    P1020772

P1020945    P1020816

(shuas: aig an rathad faisg air Port Ìlein; taigh-staile Laphroaig; shìos: taigh-solais faisg air Port Ìlein; gàrradh aig Islay House)

Mar a thuirt mi roimhe, an rud a chur iongnadh orm nuair a ràinig sinn Ìle, ’s ann dè cho torrach a tha an t-eilean, làn fhaichean gorm agus coilltean beaga seach monadh is creagan mar ann am mòr-chuid nan eileanan eile.

Cuideachd, tha e gu math foilleasach gur e eilean beartach a th’ ann. Chunnaic sinn tòrr thaighean mòra geala, a bha a’ coimhead gu math ùr agus sgiobalta. Bha muinntir an àite a’ gearan dè cho dona a tha na rathaidean, ach leis an fhìrinn innse tha mi air rathaidean fada nas miosa fhaicinn anns na h-Eileanan Siar no ann an Tiriodh no Colla. Bha a’ mhòr-chuid de na rathaidean ann an Ìle fìor mhath, agus tha an t-eilean glè fhreagarrach airson rothairean oir tha e cho réidh.

Cha robh càr againn agus bha sinn air ar dòigh a’ dol mun cuairt air na rothairean brèagha a fhuair sinn bho Jim aig Islay Cycles. Cha robh rothair cho math agam air mhàl a-riamh roimhe – gu tric tha iad aosda agus ann an droch staid. Mholainn an fheadhainn seo gu dearbh!

Bha sinn a’ fuireach ann am flat aig tuathanas Ballivicar faisg air Port Ìlein, agus bha sinn glè thoilichte an sin. ‘S e àite caran aonranach a th’ ann, chan eil taighean eile timcheall air, ach tha am baile faisg gu leòr (~15 mionaid air an rothair, ~45 mionaid de chois). Tha an tuathanas aig an rathad eadar Port Ìlein is Kintra (Ceann Tràghad, is dòcha?) ach tha frith-rathad ann dhan rathad mhòr eadar Port Ìlein is Bogh Mòr cuideachd.

Tha muinntir an tuathanais air pàirt de na sabhalan no stàballan atharrachadh gu flataichean simplidh airson luchd-turais. Bha am flat againne gu math mòr agus comfhurtail. Tha mi cleachdte ri seòmraichean beaga bìodach ann an leabaidh is breacaist no taigh-òsda, agus bha sin gu math eadar-dhealaichte. Bha àite gu leòr ann gus a h-uile stuth againn a sgaoileadh (’s ann dìreach nach eil an duine agam cho measail air bùrach :P)

Nise, dè rinn sinn fad an seachdain a bha sinn ann? Uill, chaidh sinn a Bhogh Mhòr air an rothair, chaidh sinn a Phort Sgioba air a’ bhus, chòisich sinn air an tràigh mhòr, thadhal sinn air an taigh-staile aig Laphroaig agus air taigh-tasgaidh Muinntir Ìle, agus iomadh rud eile. Bha sin inntinneach dhomh oir tha mi anns na h-eileanan leam fhìn gu tric, agus chan àbhaist dhomh mòran a dhèanamh. Bidh maidnean leisg agam, thèid mi dhan tràigh airson greiseag is dòcha, ach nuair a thig droch shìde, teichidh mi do chafaidh snog 😉 Tha mi gu math eòlach air mòran de na h-eileanan, mar sin chan eil e cho cudthromach dhomh a h-uile rud a dhèanamh nuair a tha mi ann.

Tha rudan gu tùr eadar-dhealaichte aig an duine agam, ge-tà. Cha b’e seo ach an treas turas aige anns na h-eileanan, mar sin bha a h-uile rud fhathast gu math ùr dha. Agus nuair a tha e ann an “sunnd saor-laithean” cha chuir rud sam bi stad air, tha e ag iarraidh a bhith a-muigh fad an latha, ge be dé an sìde a th’ ann. Tha e caran eagalach uaireannan 😉 Ach air an làimh eile bha sin math dhomh, bha deagh ùine againn còmhla agus bha a h-uile rud a’ còrdadh rium glan – ged a bha sinn bog fliuch aon latha air an slighe air ais bho Bhogh Mhòr.

Àite a mholainn gu sònraichte, sin Islay House Square. ‘S e seann tuathanas a th’ ann co-cheangailte ris an taigh mhòr an sin (faisg air Beul an Atha / Bridgend), ach an-diugh tha bùithtean is ceàrdaichean ann, mar eisimpleir taigh-grùide, gailearaidh aig neach-dhealbh, agus boireannach a nì batik air sìoda. Agus tha gàrradh mòr uabhasach brèagha ann, far am faodar glasraich a cheannachd. Tha e falaichte air cùlaibh bhallaichean àrda, agus abair iongnadh nuair a thèid thu a-steach. ‘S e àite fasgach ann an lag beag a th’ ann, làn fhlùraichean, lusan, phreasan, agus achaidhean beaga airson glasraich is buntàta, agus a h-uile rud air a chumail gu dìcheallach.

Nise, tha barrachd agam ri innse mu bheathaichean, ainmean-àite, Gàidhlig Ìleach agus snìomhadh, ach tha seo gu math fada mar-tha, mar sin cumaidh mi orm a-màireach.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Caismeachd an-aghaidh Monsanto

010

An robh tachartasan mar sin agaibh-se cuideachd Di-Sathairne sa chaidh? ‘S e latha iomairt eadar-nàiseanta a bh’ ann. An tachartas as fhaisge orm-sa, b’ e sin ann an Düsseldorf, prìomh-bhaile na sgìre anns a bheil mi a’ fuireach, agus tha prìomh-oifis Monsanto ’sa Ghearmailt an sin cuideachd.

Cha robh an tachartas an sin an-aghaidh Monsanto a-mhàin, ge-tà, bha e an-aghaidh biadh gin-atharraichte san fharsaingeachd, agus an-aghaidh na gnìomhachasan mòra tuathanachais, an-aghaidh polataics eadar-nàiseanta a bhitheas a’ toirt taic do na gnìomhachasan sin, agus an-aghaidh TTIP, an còrdadh saoir-mhalairt eadar an  Roinn-Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte.

Cha chuala mi mu dheidhinn an tachartais seo ach beagan laithean roimhe, agus an tòiseach cha robh an sunnd orm dol ann, bha tòrr rudan agam ri dhèanamh aig an taigh. Ach an uair sin smaoinich mi gun robh an cuspair seo uabhasach cudthromach agus uaireannan bu chòir dhuinn “dol a-mach anns an t-sràid” mar a chanar ’sa Ghearmailtis, gus na beachdan againn a ràdh gu h-àrd mar shaoranaich ann an dùthaich shaor.

Bha caraidean agam a’ dol ann, mar sin chaidh mi còmhla riutha. Bha seòrsa féill air ceàrnag ann am meadhan a’ bhaile, far an robh buidhnean àrainneachd is co-chomainn gàirnealachd is tuathanaich organaich a’ sealltainn agus a’ reic an toraidhean, agus b’ urrainnear sìol is planntaichean a mhalairt (gun airgead) cuideachd.

Aig an aon àm, chaidh a’ chaismeachd fhèin trò na sràidean, agus chòisich sinn còmhla riutha airson greis. Bha mòran daoine òga ann, agus teaghlaichean le clann, agus daoine nas sine, deagh mheasgachadh. Chan eil fhios agam cia mheud a bh’ ann uile gu lèir, agus dìreach an-dràsda tha mi a’ mothachadh nach eil mòran ri lorg mu dheidhinn anns na pàipearan-naidheachd idir. Chanainn-sa gun robh ceudan de dhaoine anns a’ chaismeachd, agus tòrr a bharrachd aig an fhéill agus aig a’ chruinneachadh aig an deireadh.

Bha còmhradh inntinneach agam ri daoine eadar-dhealaichte mu dheidhinn a’ phròiseact gàirnealachd againn anns a’ bhaile agam-sa, fhuair mi comhairle fheumail agus thachair mi ri fear-naidheachd aig an robh ùidh mhòr anns a’ phròiseact sin. Latha dòchasach, ged as e cuspair caran eu-dòchasach a th’ ann. Ach tha mi làn misneachd a-nis airson a’ phròiseact againne, agus tha fios agam gu bheil ar coimhearsnachdan feumach air pròiseactan mar sin.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , , | Sgrìobh beachd