Seo na rudan a thug mi dhachaigh leam à Ìle. Snàth brèagha ann an dathan na mara, air a dhèanamh le Sùsaidh air a’ chuibhle-shnìomha aice. Snàth alpaca bho bheathaichean ann am Port na h-Abhainn. Cuid chàirtean le dealbhan sìoda bhon té ann an Islay House Square (seo ise). Leabhar inntinneach mu eachdraidh Ìle is Colonsaidh. Càirt le dealbh brata-ghrèise a tha air a’ bhalla ann an Ionad Chaluim Chille (dealbh uabhasach brèagha le bàta air a’ chuan ann an dathan deàlrach). Cé làimhe bho Spirited Soaps, companaidh bheag le bùth ann an Bògh Mhòr. Slige bhon tràigh. Oh, agus fhuair mi na DVDean Downton Abbey ann an Dùn Èideann, o chionn ’s nach eil an t-sreath as ùire air foillseachadh anns a’ Ghearmailt fhathast.
Bha mi caran brònach gun robh na saor-laithean seachad cho luath, ach air an làimh eile tha mi toilichte is taingeil gun robh sinn ann, gun robh naoi laithean agam còmhla ri A, dìreach an dithis againn, gun dleastanas sam bith, gun chòmhradh mu dheidhinn obrach is stuth mar sin. Chan eil sin againn gu tric. Bha an t-sìde ceart gu leòr cuideachd. Cha robh i buileach cho grianach ’s a tha i beagan nas anmoiche sa bhliadhna, aig deireadh a’ Chèitean no san Òg-Mhìos, ach cha do chuir sin dragh oirnn.
A dh’ aindeoin sin, bha cianalas orm airson seachdain no dhà as-dèidh dhuinn tilleadh, ged a bha fhios agam gun robh sin caran gòrach. Ach tha saor-laithean sa Chèitean a’ ciallachadh bliadhna eile gun chothrom dhomh Meadhan an t-Samhraidh a chur seachad anns na h-eileanan, agus ann an dòigh neònach, bha mi ag ionndrainn Tiriodh fad ’s a bha mi ann an Ìle.
Air aobhar air choireigin bha dùil agam gum biodh Ìle coltach ri Tiriodh no Colla, agus cha robh. Chan eil mi ag ràdh nach eil Ìle brèagha no inntinneach, ach dhomh-sa cha robh e a’ faireachdainn mar phàirt nan Innse Gall, bha e nas coltaiche ri cuid de na sgìrean air taobh siar na tìr mhòir, no is dòcha àite ann an Èireann.
Rud a bha gam chuideachadh an-aghaidh an sunnd neònach sin, b’ e sin an gàrradh beag bìodach agam. Dh’ fhàg mi cuid de na planntaichean beaga aig na nàbaidhean againn fad ’s a bha sinn air falbh, agus fhuair mi air ais iad uile slan fallain. Chuir mi tòrr obrach ann am mìos seo agus tha a h-uile rud a’ fàs is a’ soirbheachadh. Ach seo cuspair airson latha eile… Agus seo mìos eile seachad air a’ bhlog agam 🙂