Caismeachd an-aghaidh Monsanto

010

An robh tachartasan mar sin agaibh-se cuideachd Di-Sathairne sa chaidh? ‘S e latha iomairt eadar-nàiseanta a bh’ ann. An tachartas as fhaisge orm-sa, b’ e sin ann an Düsseldorf, prìomh-bhaile na sgìre anns a bheil mi a’ fuireach, agus tha prìomh-oifis Monsanto ’sa Ghearmailt an sin cuideachd.

Cha robh an tachartas an sin an-aghaidh Monsanto a-mhàin, ge-tà, bha e an-aghaidh biadh gin-atharraichte san fharsaingeachd, agus an-aghaidh na gnìomhachasan mòra tuathanachais, an-aghaidh polataics eadar-nàiseanta a bhitheas a’ toirt taic do na gnìomhachasan sin, agus an-aghaidh TTIP, an còrdadh saoir-mhalairt eadar an  Roinn-Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte.

Cha chuala mi mu dheidhinn an tachartais seo ach beagan laithean roimhe, agus an tòiseach cha robh an sunnd orm dol ann, bha tòrr rudan agam ri dhèanamh aig an taigh. Ach an uair sin smaoinich mi gun robh an cuspair seo uabhasach cudthromach agus uaireannan bu chòir dhuinn “dol a-mach anns an t-sràid” mar a chanar ’sa Ghearmailtis, gus na beachdan againn a ràdh gu h-àrd mar shaoranaich ann an dùthaich shaor.

Bha caraidean agam a’ dol ann, mar sin chaidh mi còmhla riutha. Bha seòrsa féill air ceàrnag ann am meadhan a’ bhaile, far an robh buidhnean àrainneachd is co-chomainn gàirnealachd is tuathanaich organaich a’ sealltainn agus a’ reic an toraidhean, agus b’ urrainnear sìol is planntaichean a mhalairt (gun airgead) cuideachd.

Aig an aon àm, chaidh a’ chaismeachd fhèin trò na sràidean, agus chòisich sinn còmhla riutha airson greis. Bha mòran daoine òga ann, agus teaghlaichean le clann, agus daoine nas sine, deagh mheasgachadh. Chan eil fhios agam cia mheud a bh’ ann uile gu lèir, agus dìreach an-dràsda tha mi a’ mothachadh nach eil mòran ri lorg mu dheidhinn anns na pàipearan-naidheachd idir. Chanainn-sa gun robh ceudan de dhaoine anns a’ chaismeachd, agus tòrr a bharrachd aig an fhéill agus aig a’ chruinneachadh aig an deireadh.

Bha còmhradh inntinneach agam ri daoine eadar-dhealaichte mu dheidhinn a’ phròiseact gàirnealachd againn anns a’ bhaile agam-sa, fhuair mi comhairle fheumail agus thachair mi ri fear-naidheachd aig an robh ùidh mhòr anns a’ phròiseact sin. Latha dòchasach, ged as e cuspair caran eu-dòchasach a th’ ann. Ach tha mi làn misneachd a-nis airson a’ phròiseact againne, agus tha fios agam gu bheil ar coimhearsnachdan feumach air pròiseactan mar sin.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s