Lùnasdal

028a

Cha do sgrìobh mi an seo o chionn fhada, barrachd na mìos gu lèir. Tha liosta bheachdan agam agus corra alt a thòisich mi, ach bha mi trang le rudan eile anns na seachdainean sa chaidh agus cha robh ùine agam crìoch a chur orra agus am foillseachadh. Agus an uair sin bha mi a’ faireachdainn dona mu dheidhinn agus thòisich mi am blog a sheachnadh gu lèir. Tha sin gu math tipigeach na mo bheatha, nuair a tha mi mi-thoilichte le mo chuid dìcheall ann an cuspair air choireigin, gu tric bidh e a’ bualadh mo chogais agus bidh e nas doirbhe is nas doirbhe dhomh tilleadh dhan rud sin agus leantainn orm.

Saoilidh mi gur e leantaileachd am facal a tha cudthromach an seo, agus bha mi an còmhnaidh a’ strì le sin. Gu tric tha mi ag iarraidh leantainn orm le rudeigin, agus cha dèan mi an gnothach air, bidh mi ga dhàileachadh, agus an uair sin tha nàire orm oir tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi leisg, agus bidh mi a’ teicheadh bhon rud sin. (Seo as aobhar nach do chuir mi crìoch air a’ cheum agam air an oilthigh fhathast, mar eisimpleir… ^^)

Ach air an làimh eile, bu chòir dhomh aideachadh dhomh fhìn nach eil mi leisg agus gu bheil mi a’ dèanamh an gnothach air iomadh rud. ‘S ann dìreach chionn goirid, nuair a bha mi mi-thoilichte leam fhìn agus a’ faireachdainn neo-choileanta, gun do chuimhnich mi gu h-obann gu bheil mi air corra rud ùr a thòiseachadh anns an leth-bhliadhna sa chaidh, agus gu bheil a’ mhòr-chuid dhaibh a’ dol reusanta math agus a’ toirt tlachd is misneachd dhomh:

Aig deireadh na bliadhna sa chaidh, chuir mi romham trì rudan ùra ionnsachadh: cluich na fideige, an cànan Eabhra, agus snìomhadh le feàrsaid. Beagan mìosan as-dèidh sin, as t-Earrach, thòisich mi trì rudan ùra eile (cha do mhothaich mi sin ach o chionn goirid): am blog seo, lùth-chleasachd gach madainn, agus fàs glasraich air a’ bhalconaidh. Co-cheangailte ris na dà rud mu dheireadh sin, dh’ fheuch mi cuideachd biadh nas fhallaine ithe san fharsaingeachd.

Mar sin, seadh, chan eil an cidsin agam uabhasach sgiobalta, ach tha tomàtothan is cularanan a’ fàs taobh a-muigh doras a’ chidsin. Chan eil mi a’ leantainn orm gu dìcheallach leis a h-uile cànan a dh’ ionnsaich mi a-riamh, ach tha cead agam a bhith moiteil asam fhìn oir tha mi comasach cànan ùr ionnsachadh gu math luath. Chan eil mi air tighinn uabhasach fada leis an fhideig, ach cha robh foghlam ciùil agam riamh roimhe, agus tha mi sona gu leòr leatha. Tha mi fhathast ag ithe cus stuth mi-fhallain, ach tha mo cholann slan is làidir agus bu chòir dhomh a bhith taingeil airson sin.

Agus tha a h-uile rud seo air an aon leasan a theagasg dhomh: thig soirbheas le ceumannan beaga. Agus ma nì mi rudeigin a tha cudthromach dhomh gach latha, bidh e a’ toirt toileachas dhomh fiù ’s mura bheil mi a’ faicinn soirbheas no leasachadh gach latha. Agus ma dhìochuimhnicheas mi e latha air choireigin, no mura bheil tìde agam, chan e aobhar nàire a th’ ann agus faodaidh mi dìreach leantainn orm an ath-latha.

Leugh mi alt brèagha air Féill Lùnasdail air a’ bhlog seo à Éirinn (Beurla). Tha mi ag aontachadh gu bheil e cudthromach gur e féill Tailtiu a th’ ann, chan e féill Lugh. Ann an dualchas cuid de na sgìrean na Gearmailt, ’s e mìos Mhoire a th’ anns an Lùnasdal, co-cheangailte ri beannachd nan lusan is buain an arbhair. Chuir e nam chuimhne gur e seo an t-àm dhen bhliadhna gus urram a chur air na tha a’ toirt dhomh altram is beathachadh: màthair na tìre, mo cholann, caraidean, tidsearan, daoine bhrosnachail is cuideachail, daoine a chruthaicheas rudan àlainn.

Thòisich mi am blog seo leth-bhliadhna air ais, aig Féill Brìghde. Tha e air sonas is brosnachadh is iomadh beachd ùr a thoirt dhomh. Chan eil mi ag iarraidh a dhearmad agus tha mi a’ cur romham cumail orm sgrìobhadh an seo turas no dà gach seachdain.

(Tha mi fhathast ag iarraidh corra alt fhoillseachadh a sgrìobh mi anns na seachdainnean sa chaidh, mar sin cha bhi dad a’ nochdadh le cinn-latha ùra airson greis ach le cinn-latha bhon Òg-mhìos is Iuchar.)

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s