Sùil air ais air Ìle, pàirt 1

P1020677    P1020772

P1020945    P1020816

(shuas: aig an rathad faisg air Port Ìlein; taigh-staile Laphroaig; shìos: taigh-solais faisg air Port Ìlein; gàrradh aig Islay House)

Mar a thuirt mi roimhe, an rud a chur iongnadh orm nuair a ràinig sinn Ìle, ’s ann dè cho torrach a tha an t-eilean, làn fhaichean gorm agus coilltean beaga seach monadh is creagan mar ann am mòr-chuid nan eileanan eile.

Cuideachd, tha e gu math foilleasach gur e eilean beartach a th’ ann. Chunnaic sinn tòrr thaighean mòra geala, a bha a’ coimhead gu math ùr agus sgiobalta. Bha muinntir an àite a’ gearan dè cho dona a tha na rathaidean, ach leis an fhìrinn innse tha mi air rathaidean fada nas miosa fhaicinn anns na h-Eileanan Siar no ann an Tiriodh no Colla. Bha a’ mhòr-chuid de na rathaidean ann an Ìle fìor mhath, agus tha an t-eilean glè fhreagarrach airson rothairean oir tha e cho réidh.

Cha robh càr againn agus bha sinn air ar dòigh a’ dol mun cuairt air na rothairean brèagha a fhuair sinn bho Jim aig Islay Cycles. Cha robh rothair cho math agam air mhàl a-riamh roimhe – gu tric tha iad aosda agus ann an droch staid. Mholainn an fheadhainn seo gu dearbh!

Bha sinn a’ fuireach ann am flat aig tuathanas Ballivicar faisg air Port Ìlein, agus bha sinn glè thoilichte an sin. ‘S e àite caran aonranach a th’ ann, chan eil taighean eile timcheall air, ach tha am baile faisg gu leòr (~15 mionaid air an rothair, ~45 mionaid de chois). Tha an tuathanas aig an rathad eadar Port Ìlein is Kintra (Ceann Tràghad, is dòcha?) ach tha frith-rathad ann dhan rathad mhòr eadar Port Ìlein is Bogh Mòr cuideachd.

Tha muinntir an tuathanais air pàirt de na sabhalan no stàballan atharrachadh gu flataichean simplidh airson luchd-turais. Bha am flat againne gu math mòr agus comfhurtail. Tha mi cleachdte ri seòmraichean beaga bìodach ann an leabaidh is breacaist no taigh-òsda, agus bha sin gu math eadar-dhealaichte. Bha àite gu leòr ann gus a h-uile stuth againn a sgaoileadh (’s ann dìreach nach eil an duine agam cho measail air bùrach :P)

Nise, dè rinn sinn fad an seachdain a bha sinn ann? Uill, chaidh sinn a Bhogh Mhòr air an rothair, chaidh sinn a Phort Sgioba air a’ bhus, chòisich sinn air an tràigh mhòr, thadhal sinn air an taigh-staile aig Laphroaig agus air taigh-tasgaidh Muinntir Ìle, agus iomadh rud eile. Bha sin inntinneach dhomh oir tha mi anns na h-eileanan leam fhìn gu tric, agus chan àbhaist dhomh mòran a dhèanamh. Bidh maidnean leisg agam, thèid mi dhan tràigh airson greiseag is dòcha, ach nuair a thig droch shìde, teichidh mi do chafaidh snog 😉 Tha mi gu math eòlach air mòran de na h-eileanan, mar sin chan eil e cho cudthromach dhomh a h-uile rud a dhèanamh nuair a tha mi ann.

Tha rudan gu tùr eadar-dhealaichte aig an duine agam, ge-tà. Cha b’e seo ach an treas turas aige anns na h-eileanan, mar sin bha a h-uile rud fhathast gu math ùr dha. Agus nuair a tha e ann an “sunnd saor-laithean” cha chuir rud sam bi stad air, tha e ag iarraidh a bhith a-muigh fad an latha, ge be dé an sìde a th’ ann. Tha e caran eagalach uaireannan 😉 Ach air an làimh eile bha sin math dhomh, bha deagh ùine againn còmhla agus bha a h-uile rud a’ còrdadh rium glan – ged a bha sinn bog fliuch aon latha air an slighe air ais bho Bhogh Mhòr.

Àite a mholainn gu sònraichte, sin Islay House Square. ‘S e seann tuathanas a th’ ann co-cheangailte ris an taigh mhòr an sin (faisg air Beul an Atha / Bridgend), ach an-diugh tha bùithtean is ceàrdaichean ann, mar eisimpleir taigh-grùide, gailearaidh aig neach-dhealbh, agus boireannach a nì batik air sìoda. Agus tha gàrradh mòr uabhasach brèagha ann, far am faodar glasraich a cheannachd. Tha e falaichte air cùlaibh bhallaichean àrda, agus abair iongnadh nuair a thèid thu a-steach. ‘S e àite fasgach ann an lag beag a th’ ann, làn fhlùraichean, lusan, phreasan, agus achaidhean beaga airson glasraich is buntàta, agus a h-uile rud air a chumail gu dìcheallach.

Nise, tha barrachd agam ri innse mu bheathaichean, ainmean-àite, Gàidhlig Ìleach agus snìomhadh, ach tha seo gu math fada mar-tha, mar sin cumaidh mi orm a-màireach.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s