Ceart ma-tha, bha mi airson mìneachadh de an trioblaid a tha agam leis a’ phreas-leabhraichean. Fad mo bheatha bha leabhraichean a’ ciallachadh eòlas is foghlam is mac-meanmna, bha iad a’ ciallachadh pearsantachd is féin-aithneachadh. “Seall rium am preas-leabhraichean agad agus innsidh mi dhut cò thusa” – chuala mi sin iomadh turas, agus bha mi an còmhnaidh ag iarraidh preas-leabhraichean mar sin, a bhiodh a’ sealltainn cò mise.
Ach an e beachd feumail a th’ ann idir? Agus a bheil e fìor airson mòran daoine? Tha mi air iomadh leabhar a leughadh a dh’ fhàg buaidh làidir orm ach cha robh a-riamh leam-sa. Agus nam biodh iad agam-sa an-dràsda, is dòcha nach bhithinn ag iarraidh an leughadh a-rithist. Is dòcha gu bheil cuid dhiubh nas fheàrr na mo chuimhne. Cha chreid mi nach eil e coltach ri sin aig mòran daoine eile cuideachd.
Air an làimh eile, tha tòrr leabhraichean anns a’ phreas agam nach eil cudthromach dhomh idir. Nobhailean tuaireamach a cheannaich mi oir bha iad saor no a fhuair mi mar phreasant. Tha feadhainn ann nach do leugh mi idir agus nach leugh. Seann leabhraichean-teagaisg, stuth a bha agam ri leughadh aig an oilthigh, a.m.s.a.a. Chan eil fiù ’s àite agam airson leabhraichean ùra. Ach fhathast tha mi a’ smaoineachadh: “Is dòcha gum bi barrachd àite agad uaireigin, agus nach biodh e snog preasaichean mòra a cheannachd an uair sin…”
Agus tha sin cho gòrach. Carson a tha mi ag iarraidh tòrr airgid a chosg gus seòmar mòr a lìonadh le stuth nach eil fiù ’s cudthromach dhomh? Nan cuireadh cuideigin teine ris a’ phreas agam agus bhiodh agam liosta nan leabhraichean a sgrìobhadh a bha agam, cha chuimhnichinn ach is dòcha 10% dhiubh.
Mar sin, tha mi air co-dhùnadh a dhèanamh gun sgioblaich mi am preas-leabhraichean agus feuchaidh mi ri sùil gheur a thoirt air gach aon dhiubh, agus a’ freagairt gu fìrinneach a bheil feum agam air agus a bheil e cudthromach dhomh.
Ach an uair sin an ath-cheist: càit an cuir mi iad? Chan eil mi ag iarraidh an toirt dhan sgudal. Chan eil mi ag iarraidh an reic air Amazon nas motha, oir rinn mi co-dhùnadh o chionn bliadhna no dhà nach faigh Amazon sgillinn ruadh bhuam tuilleadh. Tha àiteachan eile ann air loidhne, ach chan fhaighear mòran airgid airson leabhraichean an sin agus chan fhiach e an cur a-steach idir.
Tha leabhraichean trom agus chan eil càr agam, mar sin chan eil e cho furasda an toirt do bhùth no rud mar sin. Is dòcha gum bi cothrom agam dol do mhargadh-trealaich còmhla ri caraidean a dh’ aithghearr. Chan eil mi cinnteach an ceannaich daoine leabhraichen an sin, ach feuchaidh mi e co-dhiù. Ma tha iad fhathast agam as-dèidh sin, cuiridh mi dhan bhùth-charthannas iad.