Plastaig, plastaig, plastaig

Mar is trice nuair a bhios mi ag obair anns a’ bhaile mhòr fad an latha, thèid mi do bhùth air choireigin gus greimeag bìdh fhaighinn aig àm lòin. Turas no dhà gach seachdain, tha mi ann am pàirt snog a’ bhaile far a bheil iomadh bùth bheag neo-àbhaisteach agus dà bhùth meadhanach mòr “organach” (“Bio” mar a chanas iad an seo) le biadh seasmhach à gnìomhachas ionadail agus malairt chothromach.

Is fhìor thoil leam am bun-bheachd sin (agus b’ àbhaist dhomh fhìn obair ann am bùth bheag malairt chothromach le bathar à malairt chothromach nuair a bha mi nam dheugaire), ach seo an rud a tha gam chur feargach: Tha mòr-chuid a’ bhathair an sin air pasgadh ann am plastaig, fiù ’s na cularanan agus rudan mar sin, agus tha tòrr stuth ann am pacaidean beaga bìodach, mar eisimpleir cnòthan ann am pacaid le 30 no 50gr seach 100 no 200gr mar anns na bùithean àbhaisteach.

Chan eil mi a’ tuigsinn sin idir idir, agus cha cheannaich mi stuth mar sin. Ma tha taghadh agam eadar cularan àbhaisteach gun phlastaig, agus cularan seasmhach / organach / à malairt chothromach le phlastaig – gheibh mi a’ chiad fhear. Tha craiceann nàdarrach aig a’ chularan, chan fheum e craiceann eile mì-nàdarrach. Ma tha taghadh agam eadar pacaid pasta reusanta mòr agus pacaid a tha cho beag ’s am feum mi dà dhiubh gus dìnear a dhèanamh – mòran taing, gheibh mi a’ chiad fhear oir chan eil mi ag iarraidh barrachd sgudal na tha riatanach.

Aig an supermarket àbhaisteach no air a’ mhargadh, gheibh mi lusan ann am badan beaga gun phlàstaig sam bith, dìreach le pìos sreinge no lastaic timcheall air na cuiseagan. Anns a’ bhùth spaideil organach, thèid an reic ann am bogsaichean beaga plastaig. Do-chreidsinneach.

Gu tric tha mi ro dhiùid agus cha bhi mi a’ gearan mu stuth mar seo, ach latha air choireigin chuir mi na ceistean seo ri té ag obair anns a’ bhùth, agus choimhead i orm le sùilean mòra, gun tuigse. “Tha e cudthromach dhuinn gum bi a h-uile rud cho comhfhurtail don luchd-ceannachd ’s a ghabhas” – thuirt i. “Tha na companaidhean a chuireas am bathar thugainn an còmhnaidh a’ dèanamh rannsachadh gus am bathar aca a leasachadh agus tha e cudthromach dhaibh-san cuideachd gum bi a h-uile rud goireasach is comhfhurtail.”

Uill, tha diofar ann eadar “comhfhurtail” is “math dhan àrainneachd”, saoilidh mi. Agus carson a tha bathar “comhfhurtail” cho cudthromach aig bùth organach? Nach biodh dùil againn gu bheil na daoine a thèid an sin ceart gu leòr le rudan rud beag nas mì-chomhfhurtail, fad ’s a tha am biadh ùr, blasda, seasmhach is à malairt chothromach? Agus chan eil mi a’ tuigsinn carson a tha pacaidean beaga (= tòrr sgudal) nas comhfhurtail na pacaidean mòra.

Is fheàrr leam am bun-bheachd aig a’ bhùth sin ann an Dùn Èideann: The New Leaf Co-op. A-rèir coltais faodaidh an luchd-ceannachd na bogsaichean is pacaidean falamh aca fhèin a thoirt leotha agus an lìonadh anns a’ bhùth. Dìreach mar a bha e anns na seann laithean mus tàinig na supermarkets. Cha robh mi-fhìn a-staigh fhathast, chan eil fhios agam an robh e ann mar-thà nuair a bha mi ann an D. E. an turas mu dheireadh. A bheil cuideigin dhiubh eòlach air?

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Rudan aosda, rudan ùra

064a

Chan eil cuspair sònraichte san alt seo, ’s ann direach gun do mhothaich mi gun robh mìos eile seachad. Sgrìobh mi 9 altan sa Ghearran agus 9 sa Mhàirt. Bha iomadh beachd eile agam agus dùil agam barrachd a sgrìobhadh, ach bha mi gu math trang aig an obair – agus gu tric tha sin a’ ciallachadh obair aig an deasg aig an taigh, agus as-dèidh latha fada tha mi sgìth dhen choimpiutair…

Ach an-dràsda tha seachdain no dhà nas sàmhaiche agam. Aig an deireadh-seachdaine thòisich mi smaoineachadh mu ghàirnealachd a-rithist mu dheireadh thall. Chan eil lios agam, ach tha balconaidh beag ri taobh a’ chidsin, dhan taobh deas, agus tha e gu math àlainn as t-samhradh. Cha chuir mi obair gu leòr ris gach bliadhna, uaireannan chan eil an sunnd orm as t-earrach, agus mura thòisichear tràth gu leòr chan fhàs a h-uile rud cho math.

Co-dhiù… sgrìobhaidh mi barrachd air seo a dh’ aithgearr 🙂

Rud a tha gam chumail air ais rud beag ’s e gu bhheil mi uabhasach sgìth na laithean seo oir tha an aileirgidh a’ cur dragh orm (le craobhan is a h-uile stuth :P) Agus chuir sinn an t-uaireadair air adhart aig an deireadh seachdaine! Is beag orm sin gu dearbh, agus tha e doirbh dhomh dùsgadh sa mhadainn.

Ach air an làimh eile, tha a’ ghrìan a’ cur deagh shunnd orm. Tha mi ag èisdeachd ri Sonic Youth fad an latha. Sin aon dè na còmhlannan-ciùil as fheàrr leam o chionn fhada. Dh’ fhaighnich caraid agam rudeigin mu an deidhinn an seachdain sa chaidh agus mhothaich mi nach robh mi air èisdeachd riutha o chionn greis. Tha iad air ais air an inneal MP3 agam a-nis! Is dòcha gun sgrìobh mi barrachd mu an deidhinn agus dè cho cudthromach a bha iad dhomh uair eile.

Gu tric nuair a tha fios agam gum bi seachdain nas sàmhaiche agam as-dèidh ùine thrang, ceannaichidh mi leabhar ùr. Sin na rinn mi an turas seo cuideachd (faic air an dealbh shuas). Chunnaic mi an leabhar sin turas no dhà agus bha ùidh agam ann, ach cha robh cothrom agam a cheannachd gus an deireadh seachdaine seo. Gun teagamh, tha iomadh leabhar a’ nochdadh air a’ chuspair seo am bliadhna, ach tha am fear seo glè inntinneach dha-rìribh, gu math fiosrachail agus domhainn. Tha e a’ coimhead air na leasachaidhean poileataigeach is dioplomasach air feadh na Roinn-Eòrpa mus do thòisich an cogadh agus gu h-àraidh air an suidheachadh air a’ Bhalcan a bha an-còmhnaidh na sgìre gu math neo-shocrach. Bha buaidh mhòr aig na tachartasan an-sin air an Roinn-Eòrpa gu lèir. Chan e leabhar sona a th’ ann, ach “biadh dhan inntinn” ceart gu leòr.

Oh, agus bha rudan nas simplidh is nas bòidhche a’ tachairt cuideachd, gun teagamh…

077a

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , , , | 2 beachd(an)

עברית

013a

Thòisich mi Eabhra ionnsachadh o chionn beagan mhìosan. Gu tric nuair a dh’ innseas mi sin ri daoine, bidh iad a’ smaoineachadh gur e Seann Eabhra a tha mi a’ ciallachadh, is dòcha o chionn ’s gu bheil mi an sàs le Ladainn is Seann Ghreugais. – Ach chan eil. Tha mi ag ionnsachadh Ivrit, an cànan a tha ga bruidhinn ann an Iosrael an latha an diugh.

Cuideachd, is àbhaist do dhaoine a bhith a’ smaoineachadh gu bheil aobhar creidheimh agam, an dàrna cuid crìostail no iùdhach, ach chan eil. Uill, ann an dòigh, tha ceangal agam dhan chultar Iùdhach tro mhuinntir mo mhàthar, ach cha deach m’ àrach leis a’ chreideamh dha-rìribh.

Agus ann an dòigh tha e neònach dhomh gu bheil an seòrsa dùil sin aig daoine, oir tha mi air iomhadh cànan ionnsachadh, agus cha tigeadh ceistean mar sin nuair a dh’ innseas tu gu bheil thu ag ionnsachadh Nirribhis no Fraingis no rud mar sin. Ach tha cor sònraichte aig Eabhra, agus eachdraidh shònraichte, agus mar sin bidh daoine an còmhnaidh a’ smaoineachadh gu bheil aobharan sònraichte aig cuideigin a tha ga h-ionnsachadh.

Uill, leis an fhìrinn innse, ’s e seo a’ phrìomh aobhar gun robh mi ag iarraidh a bhith an sàs le cànan air choireigin a-rithist, o chionn ’s nach do rinn mi sin o chionn greis. B’ àbhaist dhomh trì no ceithir cànanan eadar-dhealaichte ionnsachadh aig an aon àm, agus bha mòran daoine dhen bheachd gun robh mi caran craicte, ach ’s e deagh chur-seachad a th’ ann dhomh, chan ann obair chruaidh, tha e a’ toirt fois is brosnachadh dhomh.

Mar a thuirt mi, tha ceangal agam dhan chultar sin agus ann an dòigh bha ùidh agam ann an Eabhra o chionn fhada (tha cuimhne agam air seann seann leabhraichean aig caraid mo mhàthar agus gun robh mi air mo bheò-ghlacadh leis na litrichean neònach…), ach bha an còmhnaidh cànanan eile ann an bha nas inntinniche agus nas cudthromaiche dhomh.

Thàinig an sunnd orm an-uiridh, ge-tà, o chionn ’s gun cuala mi Eabhra ann am fiolm air choireigin agus mhothaich mi a-rithist dè cho àlainn ’s a bha i. Ceart ma-tha, rinn mi an co-dhùnadh a h-ionnsachadh, agus an tòiseach bha mi ag iarraidh neach-teagaisg a lorg ach cha do shoirbhich leam agus mar sin thòisich mi leam fhìn, mar as àbhaist dhomh. Lorg mi leabhraichean matha, agus goireasan air an eadar-lìon, gus na litrichean ionnsachadh an tòiseach, agus an cànan fhèin an uair sin.

Bha na litrichean doirbh gu leòr an tòiseach, agus feumaidh mi ràdh gu bheil beagan trioblaid agam leotha fhathast, ach tha mi a’ fàs nas fheàrr. An tòiseach bha an aon choltas orra uile, agus tha an da chuid litrichean clò-bhualadh ann agus làmh-sgrìobhadh a tha gu math eadar-dhealaichte, no mar eisimpleir bidh litir air choireigin ann an clò-bhualadh coltach air litir eile anns an làmh-sgrìobhadh.

Tha an cànan fhèin uabhasach inntinneach. Chan eil e glè dhoirbh, dìreach gu math eadar-dhealaichte bho chànanan an Roinn-Eòrpa (agus sin aobhar eile gun robh mi ag iarraidh a h-ionnsachadh). Tha siostam nan gnìomhairean gu math snasail, agus gu math riaghailteach cuideachd. Agus nì iad rudeigin leis na roimhearan a tha gu math coltach ri Gàidhlig: tha an aon rud aca a tha againn le “agam, agad, aige, aice” agus mar sin air adhart, far a thèid roimhear còmhla ris na riochdairean. Agus nuair tha thu air an siostam seo fhaicinn airson roimhear no dhà, tuigidh tu ciamar a bhios e ag obair airson an fheadhainn eile, dìreach mar a tha “agam” coltach ri “leam” is “thugam” is “bhuam”.

Tha mòr-chuid nam faclan air fad gu math goirid, le trì connragan anns an fhreumh. Mar eisimpleir tha mi cinnteach gu bheil a h-uile duine eòlach air an fhacal “shalom” (= sìth) a tha mar seo anns na litrichean Eabhra: שלום – cuimhnichibh gum feumar a leughadh bhon taobh dheas! Tha ש a’ ciallachadh fuaim “s” caol, car coltach mar ann an “sìth”, tha ל a’ ciallachadh “l” agus tha ם a’ ciallachadh “m” (aig deireadh fhacail, ann an àite eile bidh e mar seo: מ). Mar sin, tha na trì connragan sin – s, l, m – a’ dèanamh an fhreumh, agus tha an litir eile, ו, dìreach a’ sealltainn gu bheil fuaim “o” ann san dàrna lide. Ach a bheil sibh a’ faicinn nach eil dad ann airson an “a” sa chiad lide? Ma tha an leughadair eòlach air an fhacal, tha e soilleir gu leòr mar seo, chan eil litir eile a dhìth, oir bidh ainmearan fireanta gu tric ag obair a-rèir a’ phàtrain seo.

Bha mi airson tòrr rudan eile a sgrìobhadh, mar eisimpleir dè thachras nuair a bhios tu a’ leughadh iris Eabhra fad ’s a tha thu a’ gabhal lòin ann an taigh-bìdh Pearsach… ach tha an t-alt seo gu math fada mar-thà (a-rithist), mar sin cuiridh mi crìoch air a-nis agus cumaidh mi orm turas eile. Tha mi cinnteach gu bheil e soilleir gu leòr gu bheil mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ chànan seo 🙂

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | 2 beachd(an)

Smuaintean air ΑΘΗΝΑ

Klimt_-_Pallas_Athene_smaller

Thàinig Athena nam cheann am mìos seo. ‘S i aon de na ban-diathan a chuireas mi urram riutha, ach leis an fhìrinn innse cha bhi mi a’ smaoineachadh oirrese cho tric oir tha an fheadhainn eile, Brìde no Arduinna mar eisimpleir, nas dlùithe rium – ged a tha dealbh Athena mu mo choinneamh nuair a tha mi nam shuidhe aig an deasg agam, agus ged a tha mi an sàs le litreachas Seann Ghreugais gu bhith gach latha.

Ach am mìos seo bha mi a’ feuchainn ri pìos bàrdachd a sgrìobhadh co-cheangailte rithe, agus an seachdain seo shoirbhich e leam, mar sin chuir mi romham an dealbh agus an t-àite timcheall air a sgioblachadh is a ghlanadh. Aig an aon àm, thachair mi ri dà alt inntinneach, an dàrna fear mu dheidhinn naomh Pàdraig, nan nathraichean is nam pàganach, agus am fear eile na h-òraid aig Mary Beard mu dheidhinn guth nam boireannach. Agus fad ’s a bha mi a’ glanadh an oisein air an sgeilp leabhraichean agam, bha mi a’ smaoineachadh air dè cho ioma-fhillte a tha na cuspairean seo, nach e rud furasda a th’ ann a bhith nad phàganach, agus gu bheil an-còmhnaidh ceistean eile ann air cùlaibh nam freagairtean simplidh.

Air cùlaibh an eachdraidh a tha Mary Beard a’ bruidhinn air, tha barrachd eachdraidh is taobh eile do na sgeulachdan ainmeil sin aig Homer no aig Ovid. Tha gu bhith a h-uile ban-dia Ghreugach no Ròmanach nas sine na an cultar sin, le ainmean à cànanan eile nach eil a’ buntainn don ‘teaghlach’ Innd-Eòrpach, agus tha cuid sgoilearan dhen bheachd gun robh guth fada nas làidire aig boireannaich anns na linntean roimhe sin. Ged nach eil mi buileach cinnteach gu bheil e cho simplidh ri sin, tha fianais gu leòr anns na sgeulachdan is anns an ealain a tha air fhàgail dhuinn, ìomhaighean is samhlaichean is comharran nach eil iomchaidh do chultar nan Greugach is Ròmanach mar a tha sinn eòlach air.

Bha Athena na ban-dia cumhachdach mus deach a h-atharrachadh gu nighean à ceann Zeus. Is dòcha gun robh i co-cheangailte ri Neith às an Éipheit, ’s i ban-dia an seilg is cogaidh a bh’ innte, ach cuideachd ban-dia fighidh is cruthachaidh.

Bha boireannich eile co-cheangailte ri Athena, mar eisimpleir Medusa no Gorgo, a chaidh atharrachadh gu uilebheist grànnda o chionn ’s gun tug cuideigin a h-éiginn – neònach, nach e? Carson nach do chuir Athena am fear sin gu uilebheist? Tha mi cinnteach gu bheil sgeulachd eile air cùl sin. Tha cuid dhen bheachd gun deach aodannain le nathraichean a chleachdadh le boireannaich ann an deas-gnàthan ann an teampuill ro àm nan Greugaich.

No eisimpleir eile: Arachne, a’ bhan-fhigheach thàlantach a chaidh a thionndadh gu damhan-allaidh le Athena fhèin – ach an rud a dhìochuimhnichear gu tric, ’s e gur e sgeulachd gu math òg a th’ ann, a chaidh a leasachadh le Ovid tràth sa chiad linn agus chan eil e coltach gun robh na Greugaich fhèin eòlach oirre mar sin, chan eil sinn idir cinnteach cò às a thàinig an sgeulachd seo, ged as e ainm Greugach a th’ ann an Arachne ceart gu leòr.

Nise gus an tig mi (ann an dòigh) dhan alt eile a rinn mi iomradh air shuas: Seo rud a bhios gam shàrachadh bho àm gu àm, gu bheil dùil aig cuid gu bheil ‘pàganach’ a’ ciallachadh gun creid mi a h-uile rud gun cheist, fad ’s a tha e an-aghaidh na h-eaglaise crìostail. Cha robh na cultaran eile, mus dàinig an eaglais, an còmhnaidh nas fheàrr, agus cha robh iad uile mar aon. Tha eachdraidh dhaoine ioma-fhillte is doirbh ri thuigsinn, gu h-àraidh ma bhios sinn a’ coimhead air creideamh, nòsan agus beachdan nan daoine àbhaisteach tro na linntean.

Tha na sgeulachdan a tha againn à seann chultaran dìreach a’ ciallachadh gun robh sgeulachdan eile ann nach eil againn agus gun robh sgeulachdan ain-sgrìobhte ann roimhe sin. A bhith nam phàganach, tha sin a’ ciallachadh gu bheil mi an còmhnaidh a’ sìreadh, a’ feuchainn ri èisdeachd ri guthan nam ban-diathan, a’ feuchainn ri ciall fhaighinn anns na sgeulachdan, a’ feuchainn ri na ìomhaighean is na samhlaichean a leughadh aig nach eil guth an-diugh.

Ma tha mise a’ coimhead air Athena, chan eil mi a’ faicinn ban-dia a’ bhaile Ghreugaich sa 5mh linn RC. Tha mi a’ faicinn neart nas sine is nas òige na sin, tha mi a’ faicinn sùilean na caillich-oidhche, nathraichean Medusa, lìn Arachne. Tha mi a’ faicinn a’ chlaidheimh ceart cho math is na feàrsaid. Tha mi a’ faicinn an labyrinth.

008dealbh shuas: “Pallas Athene” le Gustav Klimt, à Wikimedia Commons; dealbh shios: agam fhìn.
Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

A’ sgaoileadh

003a

Ciad turas na bliadhna
leis na h-uinneagan fosgailte fad an latha
agus an solas is an saoghal a’ dòrtadh a-steach

guthan aithnichte guthan ùra
an tè a’ bhruidhneas gu h-àrd air a’ fòn
an ceòl Turcach, duine an ath-dhoras
ag obair aig a’ chàr a-rithist
na cailleachagan is an fheannag a tha
air an geamhradh a shadadh
agus leanabh nach robh ann an-uiridh

san fheasgar thèid mi sìos do na bùithean
le casan ruisgte na mo bhrògan
agus tha flùraichean ri taobh an rathaid

aig beul na h-oidhche
nuair a tha na guthan air falbh
am blàths air pasgadh anns na duilleagan beaga
nan cadal mar na h-eòin

mise nam sheasamh aig an uinneig
bu mhiann leam lios.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , | Sgrìobh beachd

Turas nam blog

Nuair a bha blog Gàidhlig agam a’ chiad turas, bho 2005 gu 2007 saoilidh mi, bha mi nam bhall coimhearsnachd gu math beòthail, le daoine à dùthchannan eadar-dhealaichte a’ sgrìobhadh is a’ cabadaich ri chèile air na fòraman, air Skype is anns na blogaichean.

Nuair a thill mi dhan t-saoghal seo as-dèidh ùine mhòr (às dèidh dhomh a bhith trang le cuspairean eile airson beagan bhliadhnaichean) cha robh dùil agam gum bitheadh a h-uile rud mar a bha e – tha an t-eadar-lìon air leasachadh gu mòr bhon àm sin, tha tòrr daoine a’ cleachdadh meadhanan mar Facebook, Twitter, Tumblr a.m.s.a.a. na laithean seo. Ach bha mi an dùil gum bitheadh cuid de na blogaichean fhathast ann, agus pailteas guthan ùra air nochdadh, is dòcha gum bitheadh cuid dhen luchd-toiseachaidh air an robh mi eòlach air na sgìlean aca a leasachadh agus a’ sgrìobhadh air a h-uile cuspair a-nis.

Ach chan eil mi air mòran a lorg. Tha e coltach gu bheil Liam Alasdair, Des ann an Inbhir Narann agus Tacaes ann an Iapan fhathast a’ sgrìobhadh rud beag, agus chunnaic mi guth ùr no dhà cuideachd, mar eisimpleir Seumaidh le measgachadh naidheachdan cultair is comainn, no Alasdair MacCaluim mu dheidhinn “trèanaichean, tramaichean is tràilidhean”, no SeaboardGàidhlig, blog dà-chànanach le naidheachdan turasachd is sgeulachdan siubhail (agus dealbhan brèagha!)

Fear eile a sgrìobhas gu cunbhalach, sin Gilleasbuig Aotrom le sùil gheur air duilgheadasan saoghal na Gàidhlig an latha an-diugh. A-rèir coltais chan eil a h-uile duine toilichte mu na rudan a sgrìobhas e, ach tha mise a’ smaoineachadh gu bheil guth mar sin cudthromach.

Na guthan as làidire agus as inntinniche mu chuspairean Gàidhlig is Gaidhealach ge-tà, sin Dòmhnall Iain – The Failed Gael, Mìcheal – The Virtual Gael is An Sionnach Fionn – ’s e daoine tuigseach a th’ annta mu cheistean sòisealta, poileataigeach, sgoilearach… ach bidh iad a’ sgrìobhadh sa Bheurla a-mhàin. Agus air an dàrna làimh is toigh leam na h-altan aca a leughadh, ach air an làimh eile tha sin gam chur brònach, oir tha e coltach gu bheil sinn mar choimhearsnachd luchd-iomairt fhathast a’ leantainn ris an seann duilgheadas, a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn mion-chànan seach anns a’ chànan fhèin.

Tha alt inntinneach aig Dòmhnall Iain mu dheidhinn sin, carson nach sgrìobh e sa Ghàidhlig agus dè na beachdan aige mu dheidhinn nan ceistean seo. Cha chreid mi nach eil mòran daoine eile ann an suidheachadh coltach ri sin agus iadsan a’ faireachdainn nach b’ fhiach e sgrìobhadh sa Ghàidhlig air loidhne, nach bitheadh e a’ dèanamh feum dhaibhsan no do dhuine sam bith eile.

Chuala mi-fhìn gearanan bho charaidean cuideachd, gu bheil mi “elitist” oir tha mi a’ sgrìobhadh an seo ann an cànan nach eil iadsan a’ tuigsinn. Agus tha deagh fhios agam gum faighinn tòrr a bharrachd leughadairean nan sgrìobhainn sa Bheurla, oir tha mi an sàs le diofair choimhearsnachdan eadar-nàiseanta air loidhne, mar eisimpleir airson fighe is snìomhadh. Chan e co-dhùnadh aotrom a bh’ ann am blog seo a dhèanamh sa Ghàidhlig a-mhàin. Ach tha e a’ faireachdainn ceart dhomh a-nis. Agus a-rèir coltais chan eil mi buileach nam aonar leis a’ cho-dhùnadh seo: Tha iris ùr air nochdadh, DÀNA, agus abair deagh mheasgachadh cuspairean agus dreach snasail an làraich-lìn! Cha do leugh mi mòran an sin fhathast, ach tha sin air an liosta agam airson an deiridh-seachdaine seo 🙂

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | 7 beachd(an)

Piobaran lìonta

007

Nuair a thòisich mi am blog seo bha dùil agam gun sgrìobhainn mu bhiadh na bu trice, ach bha mi caran leisg leis a’ chuspair seo. Co-dhiù, seo dhuibh dìnnear blasda a rinn mi Di-Dòmhnaich: Piobaran milis lìonta le rìs (gun fheòl, ach b’ urrainnear feòl a chur ann cuideachd).

Feumar piobaran reusanta mòra (an fheadhainn dearg no uaine), rìs (no mileid, no uaireannan nì mi e le measgachadh rìs is mileid), agus glasraich mar a thogras sibh, mar eisimpleir tomàtothan, piobaran beaga, cearc-pheasairean is creamh, agus lùsan gun teagamh – dè na seòrsaichean? Tha sin a’ crochadh rud beag air dè an seòrsa glasraich is càise a chuirear ann. Chleachd mise càise Cheddar, agus tha mi dhen bheachd gu bheil lus ròs-moire agus oragan a’ dol leis glè mhath.

An toiseach cuiridh mi an rìs anns a’ phoit – feumaidh e bruich airson 15-30 mionaid (tha sin a’ crochadh air an seòrsa… agus tha mileid fada nas luaithe). An uair sin nì mi dà leth air na piobaran, gearraidh mi na h-eitein àsta agus cuiridh mi na piobaran ann am poit mhòr le beagan uisge. Feumaidh iad bruich mu 10 mionaid, gus am bidh iad rud beag bog ach nach bi iad a’ tuiteam às a chèile! (Faodar poit-smùid a chleachdadh cuideachd, chan eil rud cho snasail agamsa.)

Fad ’s a tha an rìs agus na piobaran air an stòbh, bidh mi ag ullachadh na glasraich eile. Gearraidh mi iad agus cuiridh mi iad ann am pana le beagan ola gus an ròstadh airson beagan mhionaidean. An turas seo chuir mi beagan curry paste ann cuideachd, no uaireannan cleachdaidh mi dìreach lusan is spìosraichean.

004Ma nithear a h-uile rud gu sgiobalta, bi an rìs, na piobaran agus an glasraich eile deiseal aig an aon àm 😉 (cha bhi sin a-riamh buileach ag obair agamsa…)

Measgaichidh mi an rìs leis na glasraich. Cuiridh mi na piobaran ann an soitheach àmhainn agus cuiridh mi am measgachadh rìs annta le spàin. Mu dheireadh thall cuiridh mi an càise sgrìobte orra. Tha sinn measail air càise san taigh seo, saoilidh mi gu bheil sin foilleasach anns na dealbhan 🙂 (Faodar beagan càise a mheasgachadh leis an rìs cuideachd, agus an corr dheth a chur air an uachdar.)

005006

Cuiridh mi dhan àmhainn iad airson 20 mionaid, no gus am bi an càise air leaghadh agus òrach.

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh | Sgrìobh beachd

Léirsinn is naidheachdan eile

006a

Fhuair mi speuclairean ùra o chionn beagan laithean – as-dèidh barrachd na deich bliadhna leis na speuclairean aosda. Mar sin tha mi a’ faireachdainn caran neònach agus tha mo shùilean a’ strì oir tha na lionsaichean eadar-dhealaichte: tha mo shùilean air fàs nas miosa, ach bha iad cuideachd a’ fàs cleachdte ris na seann speuclairean, agus mar sin chan eil iad buileach toilichte leis an fheadhainn ùra. Tha mo shùilean caran mi-àbhaisteach agus chan eil léirsinn iomlan agam fiù ’s le speuclairean. Tha mo shùil dheas goirid na fradharc, agus mo shùil chlì fada na fradharc agus tha rudeigin eile ceàrr oirre ris an canar astigmatism sa Bheurla, a’ ciallachadh gu bheil rudeigin crom san t-sùil.

Co-dhiù, is toigh leam dreach nan speuclairean ùra – dall ach snasmhor, haha! ;P

An uair sin, chuir sin nam chuimhne na seann sgeulachdan far a bheil bàird no draoidhean gu tric dall no aon-shùileach… mar gum biodh call léirsinne co-cheangailte ri léirsinn eile. Feumaidh mi aideachadh gu bheil léirsinn mo shúilean gu math cudthromach dhomh – tha mi cho measail air rudan mar leughadh, togail dealbhan, dealbhadh aodach, coimhead air rudan. Ach air an làimh eile, tha tòrr rudan brèagha ann san t-saoghal nach eil rim faicinn, no as urrainn dhuinn faireachdainn is tuigsinn gun a bhith gam faicinn: Ceòl. Cànanan. An cuan, a’ ghaoth, a’ ghrìan. Gaol, ceartas, ana-ceartas.

An naidheachd eile an seachdain seo, ’s e gun deach pìos bàrdachd leam a mholadh aig Baker Prize, co-fharpais bheag aig an t-Seòmar Leughaidh san Eilean Sgiathanach. Cha robh dùil agam ri sin idir, agus ’s e urram a th’ ann dhomh oir bha Meg Bateman agus Aonghas MacNeacail nam breitheamhan agus tha mi uabhasach measail air an obair acasan.

B’ e “tighinn dhachaigh” cuspair na co-fharpaise, agus cha robh mi cinnteach an robh an dàn agam freagarrach dha. Tha e dìreach an-aghaidh a’ chuspair sin, agus a-rèir coltais bha sin freagarrach gu leòr. Tha e mu dheidhinn chuspair poileataigeach a tha gam chur brònach is feargach. Seo e ma-tha:

CLADH ~ EÒRPA

’sa gheamhradh thig am bàs a-rithist
anns na bàtaichean beaga
a’ seòladh gu h-oir na Roinn-Eòrpa
an sùilean dian
na stuadhan dian
ag èirigh, na h-eich gheala a’ dannsadh
seall, Europa, mar a thàinig i thar a’ chuain
deich mìle bliadhna air ais
ain-deònach
deich mìle corp air grunnd na mara
ain-dligheach
air stairsnich na h-Eòrpa bòidhich

an sùilean acraich
na stuadhan acraich
uaireannan brisidh iad
na bàtaichean
air na creagan
faisg air an tìr
am fac’ iad solais a’ bhaile
mus do shluig a’ mhuir ghlas iad
solais na h-Eòrpa bòidhich

cò chì na h-aghaidhean briste
air an tràigh
ach am fear a bheir dhan chladh iad
fear dhiubh bho thùs a thàinig
eadar dà ghailleann
fear a ràinig tìr Eòrpa bòidhich

tillidh iad thuige
’sna h-oidhcheanan fuara
leis na tuinn ag èirigh
thig iad thuige sa chadal
cha chuir e an solas dheth
tuilleadh

tha an cladh os cionn na mara
gheibh iad àite san oisein
gun bheannachd gun ainm
chan eil fàilte orra
fiu ’s an sin.                            

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Carghas no faoineas?

Gu tric na laithean seo tha mi a’ leughadh stuth mar seo: “Tha mi a’ dol a sheachnadh cofaidh / deochan làidir / an eadar-lìn / nam bùithean airson àm a’ Charghais.” Agus gu tric cuideachd rudan mar seo: “Chan e creidmheach a th’ annam, nì mi sin dhomh fhìn, chan ann air sgàth ’s na h-eaglaise.”

Agus tha a h-uile rud seo gu math neònach dhomh. Tha mi coma co-dhiù ma chuireas cuideigin roimhe siud no sin a sheachnadh, chan eil mi a’ smaoineachadh gur e beachd dona a th’ ann agus chan eil mi ag iarraidh dol an-aghaidh co-dhùnaidhean pearsanta – ach chan eil mi a’ tuigsinn carson a leanas daoine an nòs seo mura bheil ceangal aca dhan chreideamh chrìosdail, agus iad fhèin fiù ’s ag ràdh nach eil an ceangal seo aca. Oir, ma nìthear e aig an àm seo dhen bhliadhna, agus leis an ainm seo, Carghas, tha an ceangal ann, ge be dè tha iad ag ràdh mu dheidhinn.

Carson a dhèanainn rudeigin a tha a’ tighinn à creideamh air choireigin, mura bheil mi a’ leantainn a’ chreideimh sin? Carson a chleachdainn ainm a tha a’ tighinn à cultar sònraichte mura bheil mi ag aontachadh leis a’ chultar sin?

Nam bithinn ag iarraidh seòclaid neo deoch no Facebook a sheachnadh airson greis, b’ urrainn dhomh sin a dhèanamh uair sam bith, nuair a tha mi-fhìn a’ faireachdainn gu bheil e freagarrach dhomh. Ach seo an rud: cha bhiodh ùidh aig duine sam bith ann an uair sin. Is dòcha nach biodh iad fiù ’s ga mhothachadh. Ach an-dràsda, aig àm a’ Charghais, ’s e seòrsa fhàsan a th’ ann innse dhan a h-uile duine air an eadar-lìn gu bheilear a’ dol a sheachnadh an eadar-lìn a-nis.

Dhomh-sa, mar thé a leanas slighe nan seann bhan-diathan, tha e cudthromach aire a thoirt do na faclan a chleachdas mi co-cheangailte ri rudan spioradail. Chan eil mi ag iarraidh dìmeas a dhèanamh air creideamh daoine eile leis a bhith a’ cleachdadh nam faclan aca-san ann an dòigh fhaoin, gu h-àraidh mura bheil mi ag aontachadh leis an teagasg aca. Agus chan eil mi ag iarraidh dìmeas a dhèanamh air an creideamh agam fhìn – tha e a’ toirt ceangal is ciall is brosnachadh dhomh a bhith a’ leantainn cearcall no cuibhle na bliadhna anns an t-seann nòs. Ach tha e fada nas doirbhe seo a mhìneachadh do na daoine, agus bhiodh beachdan neònach aig feadhainn.

Saoil dè bhiodh a’ tachairt nan cleachdadh cuideigin am facal ‘Ramadan’ (seach ‘Carghas’) gun cheangal sam bith aca dhan chreideamh mhuslamach? Tha mi cinnteach gum biodh mòran daoine a’ smaoineachadh gu bheil sin caran neònach agus is dòcha mi-mhodhail. Ach tha na faclan is féisean crìosdail cho àbhaisteach anns a’ cho-luadar againn air chor ’s nach eil e a’ cur iongnadh air daoine idir ma chleachdas cuideigin iad gun a bhith a’ leantainn a’ chreideimh. Agus le sin, tha fhathast smachd uabhasach làidir aig an fheallsanachd sin oirnn, ged nach eil mòran daoine ag aontachadh leis an teagasg sin dha-rìribh.

Chan eil Carghas agam-sa. Tha mìos an t-sìl-chuir agam 🙂

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , , | Sgrìobh beachd

Clàraichean

005

Seo na ceannaich mi aig féill chlàraichean aig an deireadh-seachdaine. Féill chlàraichean? San 21mh linn? Uill, bha talla mòr spaideil a’ bhaile loma-làn daoine a bha a’ reic is a cheannachd chlàraichean, agus a’ mhòr-chuid dhaibh anns a’ chruth seo, na seann chlàraichean vinyl, ged a bha feadhainn le CDean ann cuideachd.

Tha cuid de na caraidean agam gu math measail air vinyl, agus cheannaich an duine agam inneal-chlàr ùr o chionn bliadhna no dhà. Cha robh mòran chlàraichean agam fhìn, cha robh a-riamh, ged a thogadh mi leis na clàraichean aig mo mhàthair às na 60an is 70an, ach nuair a bha mi-fhìn nam dheugaire agus ùidh agam ann an ceòl ùr, bha CDean dìreach air nochdadh, agus b’ ann ainneamh a cheannaich mi clàr “seann-fhàsanta” (mar a bha againne orra) oir cha robh inneal-chlàr agam san t-seòmar agam – agus cha robh mo phàrantan cho measail air a’ cheòl agam san t-seòmar-suidhe.

An uair sin, nuair a ghluais mi dhan chiad àite agam fhìn, cha robh inneal hi-fi sam bith agam, cha bhithinn ag èisdeachd ri ceòl ach aig a’ choimpiutair. Agus gach turas a dh’ imrich mi, bha mi a’ coimhead air ultach beag nan clàraichean seann-fhàsanta, agus a’ faighneachd dhiom fhìn am biodh feum agam orra idir. Ach chum mi iad.

Agus feumaidh gu bheil daoine gu leòr coltach ri sin ann, agus luchd-ciùil a tha seachd sgìth dhen t-saoghal dhigiteach agus luchd-èisdeachd a tha deònach nì a cheannachd seach faidhle a luchdadh a-nuas saor ’s an asgaidh. Tha aiseirigh a’ vinyl air tachairt anns na deich bliadhna sa chaidh – gu h-àraidh anns na gnèithean-ciùil caran neo-àbhaisteach mar indie, electronic, metal, agus mar sin air adhart. Leugh mi air Wikipedia gu bheil daoine deònach dà uair an t-airgead a chosg air clàr vinyl na air CD neo faidhle digiteach.

Agus mar a chunnaic mi air an fhéill aig an deireadh-seachdaine, tha daoine ann a tha deònach tòrr a bharrachd a chosg air seann chlàraichean – abair prìsean a bha air cuid dhiubh! (ged a bha cuid dhiubh ann an staid gu math truagh – thug an duine agam sùil air clàr air choireigin anns an robh ùidh aige agus thuirt e: “Tha e coltach gun deach seo a chleachdadh mar bhrat-ùrlair fo thaigh-bheag cait!”)

Cha robh dùil agam-sa dad sònraichte a cheannachd – ach tha mi toilichte leis an fheadhainn a lorg mi. Bidh mi ag èisdeachd ri measgachadh ciùil gu math farsaing, rudan ùra, rudan aosda, ach is toigh leam ceòl às na 70an a cheannachd air clàraichean, tha sin cho freagarrach nam bheachd-sa. Gu tric bidh mi ag èisdeachd ri ceòl aig a’ choimpiutair fad ’s a tha mi ag obair, no air inneal beag MP3 nuair a tha mi air an trèana, ach ’s e rud sònraichte a th’ ann a bhith nam shuidhe air an t-sofa le cupa tì no tè bheag agus obair fighidh agus èisdeachd ri ceòl anns an dòigh seann-fhàsanta seo, a’ coimhead air mar a tha an clàr a’ tionndadh air an inneal, an fhuaim bhlàth, agus as-dèidh 20 mionaid feumar èiridh agus an clàr a thionndadh, agus as-dèidh 20 mionaid eile feumar smaoineachadh air dè an clàr eile a-nis, agus tha sin dìreach cho comhfhurtail. Nam bheachd-sa tha e a’ toirt urraim dhan cheòl ann an dòigh gu math annasach, agus tha mi a’ tuigsinn carson a tha luchd-ciùil ag iarraidh an cuid ciùil fhoillseachadh anns a’ chruth seo. ‘S e obair-ealain a tha ann an clàr, ann an dòigh iomlan is ioma-fhìllte nach faighear le meadhan sam bith eile.

006

(The Joan Baez Ballad Book – obair-ealain taobh a-staigh a’ chòmhdaich.)
Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd