A’ chuibhle a’ tionndadh

066   033

069   009

Bha mi airson barrachd innse dhuibh mu na saor-laithean againn ann an Ìle, ach an-dràsda fhèin tha mi cho toilichte le cuid de na rudan a tha a’ tachairt aig baile, agus a’ faireachdainn cho beò na mo bheatha laitheal, tha mi ag iarraidh rud beag mu dhèidhinn sin a sgrìobhadh an tòiseach.

Às-dèidh dhuinn tilleadh à Alba, bha mi caran brònach airson latha no dhà, mar as àbhaist dhomh. Bha mi cuideachd trang aig an obair a-rithist, agus chuir mi aithne air tòrr dhaoine ùra a bhitheas mi a’ teagasg anns na mìosan air thòiseach orm. Dh’ fhàg sin mi caran sgìth, agus cuideachd bha an t-sìde gu math truagh, nas fhuaire is nas fhluiche na bha i ann an Ìle!

Ach an uair sin thàinig an deireadh-seachdaine, agus a’ ghrian, agus tha mi dìreach air mo dhòigh an-dràsda. Tha fhios agam gum bi mi trang anns na seachdainean a’ tighinn, ach bidh mòran rudan inntinneach is ùra ann. Is toigh leam an t-àm seo dhen bhliadhna, nuair a tha na laithean a’ sìor-fhàs nas fhaide, an samhradh a’ nochdadh gu dearbh, làn cuimhne air gach samhradh a bha agus làn gealladh… Agus uaireannan bidh rudan brèagha dìreach a’ tachairt, gun fheum air strì is sabaid, dìreach ma tha mi foighidneach is aireachail.

Aon de na rudan a tha a’ tachairt, ’s e gum bi mi an sàs le pròiseact “gàrradh coimhearsnachd” – tha buidheann bheag anns a’ bhaile agam ag iarraidh seann togalach falamh le mullach còmhnard a chleachdadh gus glasraich, lusan is measan fhàs. Bha coinneamh againn còmhla ri tè bhon chomhairle air a bheil uallach airson nan togalaichean sin, agus tha i deònach cùl-taic a thoirt dhuinn (chan e taic airgid ge-tà, ach bidh cead againn uisge a chleachdadh saor ’s an asgaidh). Tha sinn a’ cruinneachadh bheachdan a-nis agus feumaidh mise tairgse no bun-bheachd no rud mar sin a sgrìobhadh, gus am bi tuigse nas soilleire aig a’ chomhairle air dè tha sinn ris, dè tha a dhìth oirnn a.m.s.a.a.

Tha an gàrradh beag bìodach agam fhìn a’ fàs cuideachd. Cha do mharbh an nabaidh againn na luibhean beaga fad ’s a bha sinne air falbh, agus tha mi air meacanan-ruadh is leatas a bhuain mar-thà. ‘S e rud sàsachadh a th’ ann dhomh rudeigin ithe a chuir mi-fhìn dhan fhearann agus a chunnaic mi a’ fàs gach latha. Chan eil mòran àite agam idir (sin as adhbhar a tha ùidh agam anns a’ phròiseact coimhearsnachd) ach tha gaol agam air an oisean bheag ghrianach seo leth ris a’ chidsin. Fhuair mi dà luibh thomàto bho mo mhàthair-chèile an-dè agus chuir mi ann am poitean mòra iad an-diugh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris na tomàtothan agam fhìn, bidh sin sgoinneil! Tha mi an dòchas gum fàs iad gu math!

Ach bha adhbhar fiù ’s nas laghaiche ann gun robh mi a’ tadhal air mo mhàthair-chèile an-dè: chaidh sinn gu “fèis nam alpaca” air tuathanas faisg air an taigh aca. Sin an aon àite a sgrìobh mi mu dheidhinn beagan seachdainean air ais. An turas seo bha cothrom againn coimhead air na h-alpacas dha-rìribh agus bruidhinn ris na daoine aig a bheil iad. Is dòcha gum faigh mi clòimh bhuapa a dh’ aithghearr, thèid na beathaichean a rùsgadh aig deireadh a’ mhìos seo! Tha iad cho àlainn is socair, agus abair clòimh mhìn is dathan làidir, is toigh leam an fheadhainn dòrcha gu h-àraidh.

Rud eile a tha gam chur sona, ’s e gu bheil an t-amar-snàmh (am fear sa choille, taobh a-muigh) fosgailte a-rithist. Bha mi ann trì tursan mar-thà, a’ snàmh fon ghrèin! Tha sin cho cudthromach dhomh, tha mi fada nas saorsnaile nuair as urrainn dhomh dol ann gu tric. Bidh e dùinte fad dà mhìos as t-earrach gach bliadhna, oir feumaidh iad rudan a chàradh a.m.s.a.a. Car nan seachdainean sin feumaidh mi dol dhan amar-snàmh àbhaisteach ann an togalach, agus is beag orm e. Cha toigh leam na daoine an sin, cha toigh leam an fhuaim is am fàileadh, agus tha e fada nas daoire cuideachd. Ach tha sin seachad a-nis, agus ged a tha an slighe dhan amar sa choille nas fhaide – thèid mi ann gach dàrna latha! Mhothaich mi gu bheil cafaidh ùr an sin cuideachd agus bha mi toilichte gum faca mi biadh snog is fallain air a’ chlàr-bidhe aca (bha cus feòil agus stuth mi-fhallain ann roimhe, agus an uair sin bha e dùinte – beag an t-iongnadh nam bheachd-sa, chan eil an fheadhainn a thèid a snàmh an sin ag iarraidh isbeanan is sliseagan ithe).

A’ bruidhinn air biadh, lorg mi reasabaidh bhlasda an-dè agus sin an rud anns an dealbh shuas: buntàta le pònairean Frangach is pònairean geala air fuineadh ann an dòigh Ghreugach. Tha e gu math simplidh: Feumar na buntàta is pònairean Frangach a bhruich còmhla airson 15 mionaid, le garbhag-ghàrraidh. Aig an aon àm nithear sabhs le uinneanan, creamh, pònairean geala, tomàtothan, piobar is salainn. An uair sin cuirear a h-uile rud còmhla ann an soitheach-àmhainn. Measgar càise Ghreugach le beagan bhainne, uachdar agus lus-an-rìgh. Dòirtear sin air a’ mheasgachadh anns an t-soitheach-àmhainn, agus cuirear dhan àmhainn e airson 15 mionaid. Nom nom nom!

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s