Laithean saora

P1020832

Seo an latha mu dheireadh againn ann an Ìle mar-tha. Chaidh an t-seachdain seachad gu math luath, ach bha laithean làn toileachais againn, agus bha an aimsir ceart gu leòr cuideachd. ‘S e eilean gu math inntinneach a th’ ann an Ìle, eu-coltach ris na h-eileanan eile ann an iomadh dòigh, ged a tha mòran rudan dìreach mar a tha iad anns gach eilean cuideachd. Tha e follaiseach gur e eilean beartach a th’ ann – le fearann torrach, bailtean beòthail, agus taighean-staile soirbheachail a tha a’ tarraing luchd-turais is airgead.

Ach innsidh mi barrachd dhuibh a dh’ aithghearr. A-nis, feumaidh sinn an taigh a sgioblachadh, an stuth againn a chur anns na màileidean – agus dol dhan leabaidh tràth, oir feumaidh sinn èirigh aig 5:30 sa mhadainn a-màireach, gus am bàt-aiseig a ruigsinn.

Thog mi an dealbh shuas faisg air Bogh Mòr. Tha an conasg fo bhlàth air feadh an àite, chan fhaca mi àite cho làn conaisg a-riamh roimhe.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s