Mìos Buidhe Bealltainn

022 028

Tha mìos eile seachad, agus cha do sgrìobh mi mòran an seo sa Ghiblean. Agus a-nis, thèid mi air saor-laithean airson seachdain, còmhla ris an duine agam mu dheireadh thall a-rithist agus tha e doirbh ri mìneachadh dè cho toilichte ’s a tha mi. Airson ùine mhòr bha an t-eagal oirnn nach b’ urrainn dhuinn dol ann oir bha esan cho trang aig an obair, agus le sin cha robh mi ag iarraidh bruidhinn no fiù ’s smaoineachadh cus air seo, ach a-nis tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr mhòr ris!

Tha sinn a’ dol a dh’ Ìle. Cha robh mi a-riamh ann agus tha mi an-còmhnaidh toilichte mu chothrom a bhith a’ tadhal air eilean eile 🙂 Bidh sinn a’ fuireach aig tuathanas faisg air Port Ìlein agus tha sinn ag iarraidh coimhead air cuid de na taighean-staile, agus tha mise ag iarraidh tadhal air Ionad Chaluim Chille. Bidh sinn a’ coiseachd agus a’ dol air cuairt le rothairean, agus tha mi an dòchas gum faic sinn cuid de na h-oiseanan brèagha anns an eilean.

Agus tha mi an dòchas nach marbh an nàbaidh agam na lusan is glasraich agam 😉 Chì mi ann an dà sheachdain sibh!

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Mìos Buidhe Bealltainn

  1. Thuirt Des:

    Turas math dhut a charaid, saoilidh mi nach bi Ìle na bhriseadh duil dhut ann an doigh sam bith, tha mi cinnteach as.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s