Féis olainn

003   025055   043

Dé fon ghréin a tha sin? Uill, ’s e seòrsa measgachadh a th’ ann eadar margadh no féill agus tachartas cultair/foghlaim le bùthan-obrach is òraidean. ‘S e àite cruinneachaidh a th’ ann do dhaoine aig a bheil ùidh ann am figheadh, snìomhadh, caoraich, agus mar sin air adhart. Bidh an fhéis seo a’ tachairt gach bliadhna aig an deireadh-seachdaine às-dèidh na Caisge ann am baile beag faisg air Stuttgart.

Bha mi ann a’ chiad turas an-uiridh, o chionn ’s gun do thachair mi ri cuideigin air an eadar-lìon a dh’ fhaighnich dhiom am bithinn deònach bùth-obrach a theagasg an-sin. Tha ban-charaid agam a’ fuireach anns an sgìre, mar sin bha àite-fuirich agam cuideachd. Chaidh a h-uile rud dìreach sgoinneil, agus chuir iad cuireadh dhomh tighinn a-rithist am bliadhna.

An-uiridh bha mi a’ teagasg dà bhùth-obrach mu dheidhinn gheansaidhean – na dòighean fighidh gus geansaidh a chur ri chèile, ciamar a nìthear tomhas gu ceart agus mar sin air adhart. Bha an dà bhùth-obrach loma-làn, agus bha na daoine uile uabhasach snog. Am bliadhna, bha dùil agam dà bhùth-obrach a theagasg a-rithist, an dàrna té mu dheidhinn gheansaidhean agus an téile le mion-fhiosrachadh mu dhòigh shònraichte gus muinchill a chur ann an geansaidh. Bha daoine a’ clàradh gu math luath (’s urrainnear coimhead air prògram na féise air an eadar-lìon ro làimh) agus mu dheireadh thall chuir sinn bùth-obrach eile air dòigh.

Mar sin, bha mi gu math trang, agus air an dàrna làimh bha sin math dhomh – is toigh leam teagasg, gu h-àraidh leis gu bheil seo cho eadar-dhealaichte bhon obair àbhaisteach agam. Agus gheibh na tidsearan aig an fhéis sin airgead a-rèir aireamh nan daoine anns a’ chlas, agus bha agam ris na ticeadan trèana agus taigh-osda a phàigheadh (bha a’ bhan-charaid agam air saor-laithean an turas seo). Ach air an làimh eile, bha mi caran mi-thoilichte nach robh cothrom sam bith agam pàirt a ghabhail an am bùth-obrach aig cuideigin eile – mar eisimpleir, bha ban-charaid eile agam a’ teagasg dathachadh le stuth nàdarra mar ghuirmean, cho inntinneach! – agus cha robh fiù ’s mòran ùine shaor agam gus coimheadh air na rudan air a’ mhargadh.

Ach co-dhiù, ’s e deireadh-seachdaine sgoinneil a bh’ ann, bha an t-sìde math, bha na clasaichean agam làn a-rithist, bha na daoine glè choibhneil, thachair mi ri seann charaidean is caraidean ùra, agus bha fiù ’s cothrom agam rudeigin àlainn a cheannachd:

073Feàrsaid bheag air dhèanamh le duine às an sgìre sin, agus clòimh air dathachadh le aon dè na boireannaich a tha an sàs leis an fhéis a chur air dòigh. Tha mi air tòiseachadh a snìomhadh mar-tha 🙂 Tha sin cho èibhinn: nuair a bha mi ann an-uiridh, cha b’ urrainn dhomh snìomhadh fhathast, ach bha ùidh agam ann. Dh’ fheuch mi e rud beag aig taigh mo bhan-charaid, ach cha robh e ag obair gu ceart agus bha mi air mo shàrachadh leis. Bha an t-iongnadh mòr orm gun robh tòrr stuth snìomhaidh ri fhaighinn aig an fhéill agus cha robh mi cinnteach am bu chòir dhomh sin fheuchainn agus am bithinn ga ionnsachadh a-riamh. Agus a-nis, tha mi ga dhèanamh gu bhith gach latha agus tha mi a’ faireachdainn mar nach robh mi a-riamh as aonais.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s