Baile beag no baile mòr?

DSC00081   DSC00095

Chuir sinn deireadh-seachdaine na Caisge seachad aig taigh mo phàrantan-céile. Tha iad a’ fuireach ann am baile beag anns an sgìre réidh ìosal faisg air a’ chrìoch do na Tìrean Ìsle. Bhuail e orm dè cho àlainn a tha an t-Earrach air an dùthaich: duilleagan ùra anns a h-uile àite, cuid de na craobhan fo bhlàth mar-thà, an t-arbhar a’ fàs…

Bha làithean snog againn, làn biadh math, còmhradh comhfhurtail, beagan obrach sa ghàrradh agus sgrìoban san sgìre: chaidh sinn do mhargadh-trealaich (far an robh an duine agam toilichte oir lorg e clàran-ciùil às na 70ean aig deagh phrìs), ghabh sinn cuairt ann am pairc brèagha timcheall air caisteal beag, chaidh sinn a choimhead air tuathanas far a bheil cuideigin a’ cumail alpacaichean (agus gheibh mi clòimh bhuapa nuair a thèid an rùsgadh).

Fad na h-ùine bha sunnd neònach orm nach robh mi buileach a’ tuigsinn an tòiseach. Ach seo e… ann an dòigh, tha mi farmadach ris an t-seòrsa beatha sin, le taigh mòr ann an àite sàmhach, le ràithean na bliadhna cho soilleir is làidir, le cothroman biadh nàdarrach fhàs no fhaighinn bho na nàbaidhean, le coimhearsnachd mhath far a bheil na daoine eòlach air a chèile agus a’ toirt taic ri chèile.

Bha beatha car coltach ri sin aig an teaghlach agam nuair a bha mi nam dheugaire (ged a tha an t-àite far a bheil mo mhàthair a’ fuireach rud beag nas motha na an t-àite far a bheil mo phàrantan-céile a’ fuireach), agus aig an àm sin cha robh mi uabhasach toilichte agus theich mi cho luath ’s a b’ urrainn dhomh. Ach a-nis tha rudan ann a tha mi ag ionndrainn mu dheidhinn, agus sin an aon seòrsa rudan a tha gam tharraing do bhaile bheag mo phàrantan-céile.

Ach air an làimh eile, tha deagh fhios agam gur e beatha daor a th’ ann. Agus chan e beatha cho buileach neo-eisimileach a th’ ann mar a dh’ fhaodadh smaoineachadh anns a’ chiad dol a-mach. Tha companaidh m’ athair-céile anns a’ bhaile mhòr, mu 30 mìltean bhon taigh aca, agus bidh e a’ draibhadh ann is air ais gach latha. Bidh mo mhàthair-céile a’ draibhadh an-siud is an-seo air feadh na sgìre air sgàth ’s an obrach aice cuideachd. Tha iad dìreach air an taigh aca a phàigheadh, as-dèidh chan eil fhios ’am cia mheud bliadhnaichean.

Agus gu tric bidh ise ag ràdh gu bheil i farmadach ris an àite far a bheil sinne a’ fuireach, ann am baile mòr faisg air bailtean mòra eile, far nach feumar fiù ’s càr gus a h-uile àite a ruigsinn oir tha trèanaichean is busaichean is tramaichean gu leòr ann.

Leis an fhìrinn innse, nam bitheadh agam ri co-dhùnadh a dhèanamh eadar baile is dùthaich, thagainn am baile gun teagamh. Agus chan ann aig ìre pearsanta a-mhàin… Chan eil e math dhan àrainneachd, chan eil e fallain dhan dùthaich gu lèir ma tha a h-uile duine ag iarraidh fuireach ann am bailtean beaga air an dùthaich. Tha bailtean mòra fada nas eaconomaiche, gu h-àraidh le sùil air an àm ri teachd, ma bhitheas connadh a’ fàs nas daoire, daoine a’ fàs nas aosda na bha iad, agus mar sin air adhart.

Nuair a bha mi nas òige, b’ àbhaist dhomh smaoineachadh gum bithinn a’ fuireach air an dùthaich uaireigin. B’ àbhaist dhomh smaoineachadh air taigh againn fhìn, bha dealbh nam inntinn le taigh aig iomall baile, anns a’ choille no ann an gleann brèagha. Ach chan eil an aisling seo agam tuilleadh. Is toigh leam deireadh-seachdaine no saor-laithean a chur seachadh air an dùthaich, ach chan eil mi ag iarraidh fuireach ann an corr mo bheatha.

Uill, sin an seòrsa cnuasadh feallsanach a bh’ agam aig deireadh-seachdaine na Caisge 😉 Tha mi duilich gun robh mi cho fada gun sgrìobhadh an seo, bha mi caran trang an seachdain sa chaidh, agus an deireadh-seachdaine seo bha mi air falbh àiteigin eile – innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin a dh’ aithghearr!

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Baile beag no baile mòr?

  1. Sin mar a tha mi fhèin a’ faireachdainn cuideachd! Tha am baile mòr nas fheàrr!

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s