Crìochan is ceanglaichean

004

Tha mi a’ leugadh “The Sleepwalkers”, an leabhar mu dheidhinn a’ Chiad Chogaidh Mhòir (thug mi iomradh air roimhe), agus tha mi ag èisdeachd ri dà chlàr uabhasach brèagha a chaidh am moladh dhomh le caraid: “Al-Maraya” le Al Andaluz Project, agus “Mare Nostrum” le Hesperion XXI / Jordi Savall (toiribh an aire, bidh an duilleag sin a’ cluich ciùil nuair a dh’ fhosglas sibh i!)

Tha beachdan car coltach air cùlaibh an dà phròiseact ciùil sin: tha iad ag obair leis an dualchas bheartach anns na dùthchanan timcheall air a’ Mhuir Mheadhanach, agus a’ rannsachadh nan ceanglaichean eadar an Ear is an Iar, a’ coimhead air cultaran mar anns an Andalus, ann am Byzanz, no anns na Balcain, àiteachan le eachdraidh ioma-fhillte, le measgachadh chànanan is chreideamhan. Àiteachan, ge-tà, nach eil nar cuimhne gu tric nuair a tha sinn a’ bruidhinn mun Roinn-Eòrpa an-diugh.

Agus ann an dòigh, tha an leabhar a’ coimhead air rudan coltach ri sin cuideachd. Chan eil e mun chogadh fhèin, tha e mu na leasachaidhean polaitigeach anns na bliadhnaichean is mìosan mus do thòisich an cogadh. Gu h-àraidh the e a’ sgrùdadh nan ceanglaichean eadar an Ear is an Iar, agus mar a bha na cumhachdan mòra (an Fhraing, a’ Ghearmailt, an Ruis, an Ostair-Ungair) a’ coimhead air ear-dheas na Roinn-Eòrpa mar raon-cluiche no cèic ri pàirteachadh eadarra.

Chan eil sinne cho eadar-dhealaichte an-diugh, ged a tha an t-Aonadh Eòrpach againn, ged a tha na slighean nas giorra na bha iad ceud bliadhna air ais, ged a thèid mòran daoine à Breatainn no às a’ Ghearmailt air saor-laithean do thràighean na Mara Meadhanaiche gach bliadhna. Tha fhathast crìoch neo-fhaicsinneach ann eadar dùthchanan a tuath agus dùthchanan a deas, tha tòrr bheachdan nàimhdeil ann gu h-àraidh ris an ear-dheas a tha cho faisg air saoghal coimheach an Oirthir.

Bidh sinn a’ coimhead air na h-àiteachan sin mar thobraichean bìdh bhlasda is beatha aotruim, ach gu tric chan eil sinn gam faicinn mar chom-pàirtichean co-ionnan san roinn polaitigeach. Tha mapaichean mar seo (sgrolaich sìos gus an tig an fheadhainn Eòrpach) èibhinn airson tiotag, ach tha iad a’ toirt sùil air cùisean nas doimhne. Tha na crìochan nar cinn gu math làidir fhathast. Cha do dh’ ionnsaich sinn ach pàirt dhen sgeul san sgoil. Bha na Seann Ghreugaich ann, agus na Ròmanaich, agus an uair sin chaidh an solas dheth gu deas air nan Alpannan? Tha sinn eòlach air Teàrlach Mòr, air Uilleam I, ach cò dhinn a tha eòlach air Abd-ar-Rahman III no Alexios I Komnenos?

Bha mi ag èisdeachd ris a’ cheòl aig Al Andaluz fad an latha, ri guthan nan trì boireannaich à dùthchanan is cultaran eadar-dhealaichte, ris na faclan ann an diofar chànanan, feallsanachd is faireachdainn à trì creideamhan a’ tighinn còmhla, na ruitheaman is na fuinn a’ toinneadh… Agus bha mi a’ smaoineachadh, seo humanitas leis a’ chiall bhunasach a bha aig an fhacal seo. Agus ’s e breug a th’ ann an “sìobhaltachd Chrìostaidh an Iar”. Tha Eòrpa nas farsainge is nas doimhne na sin.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s