Obair fearainn

012

Mar a thuirt mi roimhe, tha mi caran fadalach am bliadhna, ach co-dhiù tha mi nas fheàrr na an-uiridh (cha do rinn mi dad sam bith an uair sin). Chan eil mòran dealbhan brèagha agam fhathast, ach tha rudan beaga a’ fàs air a’ bhalconaidh agam, agus tha mi an dòchas gun soirbhich iad.

Nuair a bha mi nam dheugaire, bu bheag orm obair fearainn. Bha (agus tha) gàrradh mòr aig mo mhàthair, le tòrr glasraich, measan, sùbhagan, a h-uile rud. Agus nuair a bha ise trang le rudan eile, no air falbh bhon taigh, bha agamsa ri “sùil a thoirt” ris a’ ghàrradh, mar a chanadh i. Chuir mi seachad iomadh feasgar samhraidh eadar pònairean is buntàta, agus chan ann sa ghàrraidh againne a-mhàin, ach aig taigh mo sheanmhair cuideachd nuair a dh’ fhàs i aosda. Bha mi air mo shàrachadh, agus nuair a dh’ imrich mi bha mi toilichte gu leòr nach biodh gnothach sam bith agam ris a h-uile rud.

Beagan bhliadhnaichean as-dèidh sin, nuair a fhuair sinn flat snog le balconaidh, thòisich mi flùraichean a chur ann as t-samhradh agus bha mi toilichte le sin. Ach chan ann mus do dh’ fhàs mi 30 gun do mhothaich mi gun robh mi ag ionndrainn fearann is gàirnealachd. Mun àm sin dhùisg an ùidh agam ann an obair-aodaich agus biadh fallain cuideachd, agus thòisich mi smaoineachadh mòran mu cheistean eaconomach, malairt sheasmhach is chothromach agus stuth mar sin.

As-dèidh greis, bha mi air mo bheò-ghlacadh le figheadh is fuaigheal, ach bha gàirnealachd nas doirbhe. Uaireannan bha mi reusanta soirbheachail le rudan beaga air a’ bhalconaidh, uaireannan cha robh. Leis an fhìrinn innse, cha do rinn mi mo dhìcheall gach bliadhna, agus uaireannan bha mi ro thrang le rudan eile, no bha mi air falbh bhon taigh ro thric.

Uill, bliadhna ùr, cothrom ùr. Sa gheamhradh leugh mi rudeigin inntinneach mu phròiseact tuathanachais organaich, far am faodar pìos fearainn fhaighinn air màl, cuiridh an tuathanach glasraich ann as t-Earrach agus feumar na màladairean an obair fhèin a dhèanamh tron samhradh. Pròiseact sgoinneil nam bheachd-sa, agus bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn seachdain no dhà, ach tha e caran fada bhon taigh agam agus caran daor cuideachd.

An uair sin leugh mi rudeigin eile, mu phròiseact “gàirnealachd coimhearsnachd” sa bhaile agam. A-réir coltais tha buidheann bheag ann a bhitheas a’ cumail gàrradh glasraich ann an àite neo-cleachdte, gus cothroman ùra a leasachadh airson biadh fallain is seasmhach fhaighinn ann am meadhan a’ bhaile. Tha an gàrradh aca air taobh eile a’ bhaile, ach tha planaichean aca gàrradh eile a leasachadh le taic bho chomhairle a’ bhaile, timcheall air togalach neo-cleachdte faisg air a’ cheàrn far a bheil mise a’ fuireach. Chan eil mi buileach cinnteach am bi mòran a’ tachairt am bliadhna, ach co-dhiù bidh coinneamh againn an sin aig tòiseach a’ Chéitean agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris.

Chuir a h-uile rud sin brosnachadh orm obair air a’ bhalconaidh bheag agam a-rithist cuideachd, agus gu h-àraidh bha mi a’ rannsachadh sìol. Cha robh mi a-riamh a’ smaoineachadh mòran mu dheidhinn sin, b’ àbhaist dhomh sìol a cheannachd san supermarket agus sin e. Ach ann an dòigh, tha an cuspair seo gu math polaitigeach agus caran coltach ri cànanan beaga is cànanan mòra: Tha an sìol is na lusan àbhaisteach uile a’ tighinn bho chompanaidhean mòra eadar-nàiseanta a tha ag obair le tòrr teicneolas is gin-atharrachadh, tha na seann seòrsaichean dùthchasach a’ fàs ainneamh, chan fhaighear sìol ùr às na lusan bho na companaidhean mòra. Tha iadsan ag iarraidh gum bi a h-uile rud fon smachd aca agus nach bi daoine a’ cur is a’ fàs biadh ann an dòigh neo-eisimileach.

Ach tha companaidhean is iomairtean beaga ann a bhitheas a’ cumail seann seòrsaichean beò, a’ reic sìol à tuathanachas nàdarra nach faighear anns na bùithean mòra. Fhuair mi deagh thaghadh, chuir mi sìol leatais (an fheadhainn beaga a bhitheas a’ fàs ann am bocsa-fhlùraichean), meacain-ruaidh, tomàtothan, piobaran (chan eil mi cho cinnteach am bi i blàth gu leòr air an son ge-tà), cularanan beaga, agus tòrr luibhean-gàrraidh, m.e. oragan, lus-an-rìgh, meannt… (bha rudan mar sin agam roimhe ceart gu leòr). Agus nuair a bhitheas sinn air ais bho na saor-laithean sa Chéitean cuiridh mi pònairean-ruith cuideachd. Agus ma tha cus agam airson a’ bhalconaidh bhig, cuiridh mi dhan gàrradh coimhearsneachd iad ma thig sin beò 🙂

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s