Cuairtean

cuairtean1

Nuair a bha mi a’ meòrachadh mu Athena o chionn ghreis, thàinig rudan eile nam cheann cuideachd, beachd a’ leantainn ri beachd eile… Sgrìobh mi rud beag anns an alt sin mu dheidhinn a’ cheangail a tha aig Athena ri Medusa no Gorgo, ri nathraichean. Air aobhar air choireigin thàinig Lilith nam cheann, is dòcha o chionn ’s gu bheil mi cho trang le Eabhra na laithean seo, agus tha ise co-cheangailte ri cailleachan-oidhche agus le nathraichean cuideachd.

Agus nochd rudeigin eile a-rithist is a-rithist na mo bheachdan, an cuairtean no labyrinth. Chan eil mi buileach cinnteach a bheil “cuairtean” cumanta mar fhacal air a shon, cleachdaidh mi e an seo co-dhiù. ‘S e samhla – agus rud cruthach – gu math sean is neartmhòr a tha ann an cuairtean. Nuair a bha mi a’ coimhead orra ann an dòigh spioraideal no draoidheach a’ chiad turas, bliadhnaichean air ais, bha mi air mo bheò-ghlacadh leotha. Turas no dhà rinn mi cuairtean sa ghainmheach aig tràigh air choireigin anns na h-Eileanan Siar, agus sa choille an seo sa Ghearmailt cuideachd, agus b’ e rud làidir is àlainn a bh’ ann.

Mar a thachras gu tric, fiù ’s le rudan a tha cudthromach dhomh, dhìochuimhnich mi mun deidhinn, ach seo mar a tha e leis na rudan sin, uair eile nochdaidh iad a-rithist gun dùil. Agus gach turas a nochdas iad, bidh mi ag ionnsachadh rud nach robh air m’ aire roimhe, a’ dèanamh ceangal eile, thig a’ chuimhne còmhla ri féin-fhiosrachadh ùr.

Mar sin dheth, nochd an cuairtean a-rithist, agus tha mi air dà rud ùr fhaicinn. Tha mi a’ faireachdainn ceangal làidir eadar an cuairtean is na nathraichean. Chan eil fhios agam carson nach fhaca mi sin roimhe. Bha mi an còmhnaidh a’ tuigsinn a’ chuairtein mar shamhla – agus gu dearbh mar fhoillseachas – neartan talmhainn is uisge fo-thalamh. Agus bha mi an còmhnaidh a’ tuigsinn nathraichean anns an aon dòigh. Ach chan fhaca mi an ceangal.

An rud eile a tha mi air lorg, ’s e gu bheil dà chuairtean àlainn is neartmhòr faisg orm, anns a’ bhaile far a bheil mi ag obair gu bhith gach latha. Seo aon dhiubh anns an dealbh shuas. Tha e air beulaibh eaglaise, agus tha fhios agam nach biodh iadsan cho toilichte leis a’ chiallachadh agamsa, mu dheidhinn Lilith is nan nathraichean is neartan fo-thalamh. Ach feumaidh mi ràdh nach eil sin a’ cur dragh orm idir 🙂 Is toigh leam coimhead air agus leantainn air an t-slighe dhan mheadhan le mo shùilean no fiù ’s le mo chasan mura bheil daoine gam fhaicinn.

Tha an cuairtean eile ann(!) an eaglais cuideachd, agus ann an té gu math ainmeil, àrd-eaglais Cologne. Chan eil dealbh agam oir chan eil an cuairtean ag iarraidh sin, duilich. An rud a tha èibhinn mu dheidhinn seo, ’s e gun robh mi an còmhnaidh a’ faireachdainn gur e àite uabhasach neartmhòr a th’ ann far a bheil an eaglais, agus tha fios againn gur e àite seunta a bh’ ann mus tàinig na crìostaidhean, ach cha do mhothaich mi an cuairtean sin a-riamh, ged a bha mi a-staigh an sin iomadh turas (le cuairt-sgoile agus stuth mar sin). Agus dhomh-sa tha e annasach gu bheil an rud an sin agus gum faodar an seann neart sin fhaireachdainn, ach feumaidh gu bheil ciall gu tùr eadar-dhealaichte aige do na daoine a nì adhradh san eaglais sin.

Mu dheireadh thall, tha mi toilichte gun tàinig seo thugam a-rithist:

cuairtean2Air an dàrna làimh, tha e gu math simplidh – feuchaibh e! Air an làimh eile, ’s e seann rud a th’ ann, tha eisimpleirean againn ann an àiteachan gu math eadar-dhealaichte mar anns an Eilean Chriti no anns an t-Suain. Agus tha neart ann, tha e annasach is àlainn.

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s