Rudan aosda, rudan ùra

064a

Chan eil cuspair sònraichte san alt seo, ’s ann direach gun do mhothaich mi gun robh mìos eile seachad. Sgrìobh mi 9 altan sa Ghearran agus 9 sa Mhàirt. Bha iomadh beachd eile agam agus dùil agam barrachd a sgrìobhadh, ach bha mi gu math trang aig an obair – agus gu tric tha sin a’ ciallachadh obair aig an deasg aig an taigh, agus as-dèidh latha fada tha mi sgìth dhen choimpiutair…

Ach an-dràsda tha seachdain no dhà nas sàmhaiche agam. Aig an deireadh-seachdaine thòisich mi smaoineachadh mu ghàirnealachd a-rithist mu dheireadh thall. Chan eil lios agam, ach tha balconaidh beag ri taobh a’ chidsin, dhan taobh deas, agus tha e gu math àlainn as t-samhradh. Cha chuir mi obair gu leòr ris gach bliadhna, uaireannan chan eil an sunnd orm as t-earrach, agus mura thòisichear tràth gu leòr chan fhàs a h-uile rud cho math.

Co-dhiù… sgrìobhaidh mi barrachd air seo a dh’ aithgearr 🙂

Rud a tha gam chumail air ais rud beag ’s e gu bhheil mi uabhasach sgìth na laithean seo oir tha an aileirgidh a’ cur dragh orm (le craobhan is a h-uile stuth :P) Agus chuir sinn an t-uaireadair air adhart aig an deireadh seachdaine! Is beag orm sin gu dearbh, agus tha e doirbh dhomh dùsgadh sa mhadainn.

Ach air an làimh eile, tha a’ ghrìan a’ cur deagh shunnd orm. Tha mi ag èisdeachd ri Sonic Youth fad an latha. Sin aon dè na còmhlannan-ciùil as fheàrr leam o chionn fhada. Dh’ fhaighnich caraid agam rudeigin mu an deidhinn an seachdain sa chaidh agus mhothaich mi nach robh mi air èisdeachd riutha o chionn greis. Tha iad air ais air an inneal MP3 agam a-nis! Is dòcha gun sgrìobh mi barrachd mu an deidhinn agus dè cho cudthromach a bha iad dhomh uair eile.

Gu tric nuair a tha fios agam gum bi seachdain nas sàmhaiche agam as-dèidh ùine thrang, ceannaichidh mi leabhar ùr. Sin na rinn mi an turas seo cuideachd (faic air an dealbh shuas). Chunnaic mi an leabhar sin turas no dhà agus bha ùidh agam ann, ach cha robh cothrom agam a cheannachd gus an deireadh seachdaine seo. Gun teagamh, tha iomadh leabhar a’ nochdadh air a’ chuspair seo am bliadhna, ach tha am fear seo glè inntinneach dha-rìribh, gu math fiosrachail agus domhainn. Tha e a’ coimhead air na leasachaidhean poileataigeach is dioplomasach air feadh na Roinn-Eòrpa mus do thòisich an cogadh agus gu h-àraidh air an suidheachadh air a’ Bhalcan a bha an-còmhnaidh na sgìre gu math neo-shocrach. Bha buaidh mhòr aig na tachartasan an-sin air an Roinn-Eòrpa gu lèir. Chan e leabhar sona a th’ ann, ach “biadh dhan inntinn” ceart gu leòr.

Oh, agus bha rudan nas simplidh is nas bòidhche a’ tachairt cuideachd, gun teagamh…

077a

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Rudan aosda, rudan ùra

  1. Thuirt Des:

    “Chan eil lios agam, ach tha balconaidh beag ri taobh a’ chidsin, dhan taobh deas, agus tha e gu math àlainn as t-samhradh”

    Mhona, a bheil e furasta lotaichean fhaighinn? (allotments mar a chanas iad ann a sheo). A bheil e fior ri radh gu bheil iad fada nas cumnata air an seann taobh an ear? Cha robh mi a-riamh anns a’ Ghearmailt ach aon turas agus bha sin san sgire Erfurt ann an Thurigien. Chunnaic mi moran toglaichean taigheadas a dh’fhaodadh a bhith ann am baile mor sam bith ann an Alba ach rud a chur iongnadh orm, bha allotments gu leor ri fhaichainn mu an timchioll.

    • Thuirt monanicleoid:

      Tha lotaichean gu math cumanta an-seo o chionn fhada, ach tha e doirbh fear fhaighinn aig prìs reusanta san sgìre agam-sa. Mar as àbhaist, chan fhaigh thu lot ach nuair a tha cuideigin eile ag iarraidh am fear aca a reic, agus nuair a tha e air a bhith aca iomadh bliadhna, le bothan agus a h-uile rud, bidh iad ag iarraidh tòrr airgid air a shon.

      Mar eisimpleir air làrach-lìn comann nan lotaichean sa bhaile seo, tha mi a’ faicinn lotaichean eadar € 2,000 agus 4,000. Agus sin dìreach gus an lot fhaighinn, feumaidh tu beagan airgead a phàigheadh gach mìos no bliadhna mar mhàl.

      Anns na bailtean mòra tha mòran daoine a’ gearan gu bheil sin ro dhaor agus gu bheil comainn nan lotaichean nan “snobs”. O chionn goirid tha rudan ùra a’ tachairt, pròiseactan “gàirnealachd coimhearsnachd” far am bi buidheann daoine ag obair còmhla ann an àite poblach gus glasraich fhàs dhan a h-uile duine, seo eisimpleir ainmeil ann am Berlin: http://prinzessinnengarten.net/about/ (beagan fiosrachaidh aca ann am Beurla)

      A bheil rudan mar sin a’ dol ann an Alba cuideachd? Anns na bailtean mòra is dòcha? Ach saoilidh mi gu bheil e nas fhasa is nas saora lot fhaighinn an-sin…
      Co-dhiù, is dòcha gun sgrìobh mi barrachd air “gàirnealachd coimhearsnachd” a dh’ aithghearr oir tha mi dìreach a’ feuchainn ri fios fhaighinn mu bhuidheann anns a’ bhaile agam fhèin…

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s