Turas nam blog

Nuair a bha blog Gàidhlig agam a’ chiad turas, bho 2005 gu 2007 saoilidh mi, bha mi nam bhall coimhearsnachd gu math beòthail, le daoine à dùthchannan eadar-dhealaichte a’ sgrìobhadh is a’ cabadaich ri chèile air na fòraman, air Skype is anns na blogaichean.

Nuair a thill mi dhan t-saoghal seo as-dèidh ùine mhòr (às dèidh dhomh a bhith trang le cuspairean eile airson beagan bhliadhnaichean) cha robh dùil agam gum bitheadh a h-uile rud mar a bha e – tha an t-eadar-lìon air leasachadh gu mòr bhon àm sin, tha tòrr daoine a’ cleachdadh meadhanan mar Facebook, Twitter, Tumblr a.m.s.a.a. na laithean seo. Ach bha mi an dùil gum bitheadh cuid de na blogaichean fhathast ann, agus pailteas guthan ùra air nochdadh, is dòcha gum bitheadh cuid dhen luchd-toiseachaidh air an robh mi eòlach air na sgìlean aca a leasachadh agus a’ sgrìobhadh air a h-uile cuspair a-nis.

Ach chan eil mi air mòran a lorg. Tha e coltach gu bheil Liam Alasdair, Des ann an Inbhir Narann agus Tacaes ann an Iapan fhathast a’ sgrìobhadh rud beag, agus chunnaic mi guth ùr no dhà cuideachd, mar eisimpleir Seumaidh le measgachadh naidheachdan cultair is comainn, no Alasdair MacCaluim mu dheidhinn “trèanaichean, tramaichean is tràilidhean”, no SeaboardGàidhlig, blog dà-chànanach le naidheachdan turasachd is sgeulachdan siubhail (agus dealbhan brèagha!)

Fear eile a sgrìobhas gu cunbhalach, sin Gilleasbuig Aotrom le sùil gheur air duilgheadasan saoghal na Gàidhlig an latha an-diugh. A-rèir coltais chan eil a h-uile duine toilichte mu na rudan a sgrìobhas e, ach tha mise a’ smaoineachadh gu bheil guth mar sin cudthromach.

Na guthan as làidire agus as inntinniche mu chuspairean Gàidhlig is Gaidhealach ge-tà, sin Dòmhnall Iain – The Failed Gael, Mìcheal – The Virtual Gael is An Sionnach Fionn – ’s e daoine tuigseach a th’ annta mu cheistean sòisealta, poileataigeach, sgoilearach… ach bidh iad a’ sgrìobhadh sa Bheurla a-mhàin. Agus air an dàrna làimh is toigh leam na h-altan aca a leughadh, ach air an làimh eile tha sin gam chur brònach, oir tha e coltach gu bheil sinn mar choimhearsnachd luchd-iomairt fhathast a’ leantainn ris an seann duilgheadas, a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn mion-chànan seach anns a’ chànan fhèin.

Tha alt inntinneach aig Dòmhnall Iain mu dheidhinn sin, carson nach sgrìobh e sa Ghàidhlig agus dè na beachdan aige mu dheidhinn nan ceistean seo. Cha chreid mi nach eil mòran daoine eile ann an suidheachadh coltach ri sin agus iadsan a’ faireachdainn nach b’ fhiach e sgrìobhadh sa Ghàidhlig air loidhne, nach bitheadh e a’ dèanamh feum dhaibhsan no do dhuine sam bith eile.

Chuala mi-fhìn gearanan bho charaidean cuideachd, gu bheil mi “elitist” oir tha mi a’ sgrìobhadh an seo ann an cànan nach eil iadsan a’ tuigsinn. Agus tha deagh fhios agam gum faighinn tòrr a bharrachd leughadairean nan sgrìobhainn sa Bheurla, oir tha mi an sàs le diofair choimhearsnachdan eadar-nàiseanta air loidhne, mar eisimpleir airson fighe is snìomhadh. Chan e co-dhùnadh aotrom a bh’ ann am blog seo a dhèanamh sa Ghàidhlig a-mhàin. Ach tha e a’ faireachdainn ceart dhomh a-nis. Agus a-rèir coltais chan eil mi buileach nam aonar leis a’ cho-dhùnadh seo: Tha iris ùr air nochdadh, DÀNA, agus abair deagh mheasgachadh cuspairean agus dreach snasail an làraich-lìn! Cha do leugh mi mòran an sin fhathast, ach tha sin air an liosta agam airson an deiridh-seachdaine seo 🙂

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

7 Responses to Turas nam blog

  1. Thuirt D.I. MacDonald:

    Hi, a Mhona, taing airson mo bhlog a mholadh. Ach tha mi air mo bheachdan atharrachadh. Tha mi an sas ann an DANA, agus a’ sgriobhadh sa Ghaidhlig gu tric a-nis!!! (No a-rithist, o chionn ’s ann sa Ghaidhlig a-mhain a bhithinn a’ sgriobhadh sgeulachdan msaa na bha mi an Eirisgeidh). P.S – Air an nexus, so duilich nach do chleachd mi grabhan…

    • Thuirt monanicleoid:

      Hi Dhòmhnaill Iain, chunnaic mi d’ ainm ann an DÀNA mar-tha, cha do leugh mi mòran an sin fhathast, nàire orm, ach bu toil leam fhìn rudeigin a sgrìobhadh air a shon cuideachd… ‘S e iris brèagha a th’ ann, agus tha sinn feumach air rudan mar sin.

      • Thuirt D.I. MacDonald:

        Hi a Mhona. Duilich nach d’fhuair mi air ais thugaibh nas luaithe- bha mi thall-thairis is air falbh bho compiutar. Bhiodh sinn gu math toilichte an sgrìobhadh agaibh a chur air loidhne. Ma tha beachd sam bith agaibh son airtigil, nach caith sibh post-D gu fios@danamag.org

  2. Taing airson iomradh a thoirt air a’ bhlog agam Mona! Tha mi coltach riut – b’ urrainn dhomh barrachd leughadairean fhaighinn tron Bheurla ach is fheàrr leam a bhith a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig.

    Cuideachd, ged nach bi ùidh aig cus dhaoine ann an cuspair mo bhlog, tha mi an dòchas gum brosnaich e daoine eile gus sgrìobhadh mu na cuspairean as fheàrr leotha fhèin – ceòl no cultar no càraichean no spòrs no poileataigs no eachdraidh no rud sam bith eile.

    Cuideachd, leughaidh mi mu rudan sa Ghàidhlig nach leughainn mu dheidhinn sa Bheurla agus san dòigh seo tha e a’ cuideachadh gus coimhearsnachd a chruthachadh.

    Cùm ort leis an deagh obair!

  3. p.s – tha mi dìreach air post ùr a chur air a’ bhloga agam. http://treanaichean.wordpress.com/2014/03/20/jlf/

    Turas gu Steòrnabhagh air a’ bhàta le beagan soiseo-chànanachais!

  4. Thuirt Des:

    Chuir sin nam chuimhne progam a rinn a’ BhBBC ann an 2007 (?) ris an canar Cuairt nam Blog. Chaidh iad a-null gus Tearlach agus Aladair fhaicinn as na Staitean agus rinn iad claradh do na bloggairean a bha bruidhinn air Scaip aig an am. Dh’fhoadadh tu a radh gun robh moran a tachairt air Tir nam Blog. Ghluais cuisean air adhart ge-ta agus thainig Facebook agus cha robh na blogs cho fhaiseanta a b’ abhaist dhaibh a bhith. A-nis co aig a tha fios a bheil ath-bheòthachadh air faire leis a h-uile cail a tha iadsan an sas de Dana a dheanmah. Gur math a theid leotha. Feuchaidh mi ri rudeigin a sgriobhadh agus ma tha mi misnicheal gu leor nach eil cus Gaidhlig neonach no mearachdan na bhrionn cuiridh mi thuca e.

    • Thuirt Des:

      Saoilidh mi gur e deagh chothrom a tha seo gus rudeigin bho Tir nam Blog a chur an seo:

      “Eachdraidh
      ‘S mise Dòmhnall MacAonghais agus tha mi nam ghlèidheadair den làraich seo. Ach is dòchas gu bheil thu eòlach orm a cheana — nuair a bhios mi a’ sgrìobhadh sa’ Ghàidhlig, bidh mi, mar as tric, a’ dol fon ainm “Cadalach”. Co-dhiù¹, seo beagan eachdraidh an làraich seo…

      Anns an t-Samhain 2005, chuir duine às a’ Chuimrigh — Rhys Wynne (Gwenu dan Fysiau) — teachdaireachd air a’ bhlog agam. Thuirt e gum bu chòir dhomh làrach air a thòiseachadh. Làrach a bhiodh mar chridhe saoghal nam blogaichean. Smaoinich mi gun robh e ceart — tha saoghal nam blogaichean gu math eadar-nàiseanta agus bha mi air cluinntinn gun robh e doirbh do dhaoine a bhith a’ tadhal air gach blog.

      Thuirt Rhys cuideachd gum bu chòir dhomh sgrìobhadh gu Aran Jones (Blogiadur) air sgàth ‘s gun robh e air làraich airson nam blogaichean Cuimris a thogail. Rinn mi sin agus thuirt Aran “Seadh, deagh smaoin gu dearbh. Thog mi Blogiadur, am faca tu e? Am faod mi cuideachadh leis an làraich?” (Uill, thuirt e rudeigin mar sin — chan e Gàidhlig ach Cuimris a th’ aige.) Bhruidhinn sinn ri chèile mu dheidhinn a’ phròiseict seo agus, an dèidh seachdaine no dhà , thog Aran tùs-samhail air ar son. Chuir mi Gàidhlig air agus dh’atharraich mi mion-chùnntas an siud ‘s an seo, ach rinn Aran a’ mhòr chuid den obair. Abair duine! Bu mhath leamsa mo thaing a thoirt do Aran, às a aonais cha bhiodh an làrach seo beò an diugh agus tha sinn uile fada na chomain.

      Tha mi an dòchas gum bi Tìr nam Blòg a’ còrdadh riut, agus gum bi sinn a’ toirt brosnachadh do dhaoine eile a bhith a’ blogachadh sa’ Gàidhlig a dh’aithghearr. Ma tha Gàidhlig agad agus rudeigin ri ràdh, carson nach tòisich blog Gàidhlig agus aonaich leinn?

      Ma bhios sinn fortanach, bidh Tìr nam Blòg a’ fàs gu luath ann an 2006 agus bidh an làrach seo ann mar àite-coinneimh cuideachd.”

      “Chaidh Tìr nam Blòg a chur air bhog air an 17mh latha den Dùbhlachd 2005, (tha fios agam gu bheil teachdaireachdan ann a bha sgrìobhte ron latha sin, ach sin mar a tha e le RSS!) agus tha mi an dòchas gum bi e ann airson mòran bliadhnaichean ri tighinn.

      Cha mhòr nach eil sinn air 2011 ruigsinn a-nis agus taing don t-sealladh a bh’aig Dhòmhnaill coir ann an 2005 tha fhathast cothrom ann do na blogaichean Ghàidhlig ri fhaicinn san aon àite. Tha an t-eadar-lìn air gluasad air adhart gu mòr agus thàinig àiteachan eile far a bheil daoine a’ cleachdadh an cuid Ghàidhlig air loidhne ach tha fhathast aite sònraichte ann do Tìr nam Blog. Sin thu fhèin Dhòmhnaill tha do chuid shàr-obair fhathast beò agus feumail don Ghàidhealtachd mas fìor.”

      Gràisg 26/12/10″

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s