Piobaran lìonta

007

Nuair a thòisich mi am blog seo bha dùil agam gun sgrìobhainn mu bhiadh na bu trice, ach bha mi caran leisg leis a’ chuspair seo. Co-dhiù, seo dhuibh dìnnear blasda a rinn mi Di-Dòmhnaich: Piobaran milis lìonta le rìs (gun fheòl, ach b’ urrainnear feòl a chur ann cuideachd).

Feumar piobaran reusanta mòra (an fheadhainn dearg no uaine), rìs (no mileid, no uaireannan nì mi e le measgachadh rìs is mileid), agus glasraich mar a thogras sibh, mar eisimpleir tomàtothan, piobaran beaga, cearc-pheasairean is creamh, agus lùsan gun teagamh – dè na seòrsaichean? Tha sin a’ crochadh rud beag air dè an seòrsa glasraich is càise a chuirear ann. Chleachd mise càise Cheddar, agus tha mi dhen bheachd gu bheil lus ròs-moire agus oragan a’ dol leis glè mhath.

An toiseach cuiridh mi an rìs anns a’ phoit – feumaidh e bruich airson 15-30 mionaid (tha sin a’ crochadh air an seòrsa… agus tha mileid fada nas luaithe). An uair sin nì mi dà leth air na piobaran, gearraidh mi na h-eitein àsta agus cuiridh mi na piobaran ann am poit mhòr le beagan uisge. Feumaidh iad bruich mu 10 mionaid, gus am bidh iad rud beag bog ach nach bi iad a’ tuiteam às a chèile! (Faodar poit-smùid a chleachdadh cuideachd, chan eil rud cho snasail agamsa.)

Fad ’s a tha an rìs agus na piobaran air an stòbh, bidh mi ag ullachadh na glasraich eile. Gearraidh mi iad agus cuiridh mi iad ann am pana le beagan ola gus an ròstadh airson beagan mhionaidean. An turas seo chuir mi beagan curry paste ann cuideachd, no uaireannan cleachdaidh mi dìreach lusan is spìosraichean.

004Ma nithear a h-uile rud gu sgiobalta, bi an rìs, na piobaran agus an glasraich eile deiseal aig an aon àm 😉 (cha bhi sin a-riamh buileach ag obair agamsa…)

Measgaichidh mi an rìs leis na glasraich. Cuiridh mi na piobaran ann an soitheach àmhainn agus cuiridh mi am measgachadh rìs annta le spàin. Mu dheireadh thall cuiridh mi an càise sgrìobte orra. Tha sinn measail air càise san taigh seo, saoilidh mi gu bheil sin foilleasach anns na dealbhan 🙂 (Faodar beagan càise a mheasgachadh leis an rìs cuideachd, agus an corr dheth a chur air an uachdar.)

005006

Cuiridh mi dhan àmhainn iad airson 20 mionaid, no gus am bi an càise air leaghadh agus òrach.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s