Léirsinn is naidheachdan eile

006a

Fhuair mi speuclairean ùra o chionn beagan laithean – as-dèidh barrachd na deich bliadhna leis na speuclairean aosda. Mar sin tha mi a’ faireachdainn caran neònach agus tha mo shùilean a’ strì oir tha na lionsaichean eadar-dhealaichte: tha mo shùilean air fàs nas miosa, ach bha iad cuideachd a’ fàs cleachdte ris na seann speuclairean, agus mar sin chan eil iad buileach toilichte leis an fheadhainn ùra. Tha mo shùilean caran mi-àbhaisteach agus chan eil léirsinn iomlan agam fiù ’s le speuclairean. Tha mo shùil dheas goirid na fradharc, agus mo shùil chlì fada na fradharc agus tha rudeigin eile ceàrr oirre ris an canar astigmatism sa Bheurla, a’ ciallachadh gu bheil rudeigin crom san t-sùil.

Co-dhiù, is toigh leam dreach nan speuclairean ùra – dall ach snasmhor, haha! ;P

An uair sin, chuir sin nam chuimhne na seann sgeulachdan far a bheil bàird no draoidhean gu tric dall no aon-shùileach… mar gum biodh call léirsinne co-cheangailte ri léirsinn eile. Feumaidh mi aideachadh gu bheil léirsinn mo shúilean gu math cudthromach dhomh – tha mi cho measail air rudan mar leughadh, togail dealbhan, dealbhadh aodach, coimhead air rudan. Ach air an làimh eile, tha tòrr rudan brèagha ann san t-saoghal nach eil rim faicinn, no as urrainn dhuinn faireachdainn is tuigsinn gun a bhith gam faicinn: Ceòl. Cànanan. An cuan, a’ ghaoth, a’ ghrìan. Gaol, ceartas, ana-ceartas.

An naidheachd eile an seachdain seo, ’s e gun deach pìos bàrdachd leam a mholadh aig Baker Prize, co-fharpais bheag aig an t-Seòmar Leughaidh san Eilean Sgiathanach. Cha robh dùil agam ri sin idir, agus ’s e urram a th’ ann dhomh oir bha Meg Bateman agus Aonghas MacNeacail nam breitheamhan agus tha mi uabhasach measail air an obair acasan.

B’ e “tighinn dhachaigh” cuspair na co-fharpaise, agus cha robh mi cinnteach an robh an dàn agam freagarrach dha. Tha e dìreach an-aghaidh a’ chuspair sin, agus a-rèir coltais bha sin freagarrach gu leòr. Tha e mu dheidhinn chuspair poileataigeach a tha gam chur brònach is feargach. Seo e ma-tha:

CLADH ~ EÒRPA

’sa gheamhradh thig am bàs a-rithist
anns na bàtaichean beaga
a’ seòladh gu h-oir na Roinn-Eòrpa
an sùilean dian
na stuadhan dian
ag èirigh, na h-eich gheala a’ dannsadh
seall, Europa, mar a thàinig i thar a’ chuain
deich mìle bliadhna air ais
ain-deònach
deich mìle corp air grunnd na mara
ain-dligheach
air stairsnich na h-Eòrpa bòidhich

an sùilean acraich
na stuadhan acraich
uaireannan brisidh iad
na bàtaichean
air na creagan
faisg air an tìr
am fac’ iad solais a’ bhaile
mus do shluig a’ mhuir ghlas iad
solais na h-Eòrpa bòidhich

cò chì na h-aghaidhean briste
air an tràigh
ach am fear a bheir dhan chladh iad
fear dhiubh bho thùs a thàinig
eadar dà ghailleann
fear a ràinig tìr Eòrpa bòidhich

tillidh iad thuige
’sna h-oidhcheanan fuara
leis na tuinn ag èirigh
thig iad thuige sa chadal
cha chuir e an solas dheth
tuilleadh

tha an cladh os cionn na mara
gheibh iad àite san oisein
gun bheannachd gun ainm
chan eil fàilte orra
fiu ’s an sin.                            

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s