Clàraichean

005

Seo na ceannaich mi aig féill chlàraichean aig an deireadh-seachdaine. Féill chlàraichean? San 21mh linn? Uill, bha talla mòr spaideil a’ bhaile loma-làn daoine a bha a’ reic is a cheannachd chlàraichean, agus a’ mhòr-chuid dhaibh anns a’ chruth seo, na seann chlàraichean vinyl, ged a bha feadhainn le CDean ann cuideachd.

Tha cuid de na caraidean agam gu math measail air vinyl, agus cheannaich an duine agam inneal-chlàr ùr o chionn bliadhna no dhà. Cha robh mòran chlàraichean agam fhìn, cha robh a-riamh, ged a thogadh mi leis na clàraichean aig mo mhàthair às na 60an is 70an, ach nuair a bha mi-fhìn nam dheugaire agus ùidh agam ann an ceòl ùr, bha CDean dìreach air nochdadh, agus b’ ann ainneamh a cheannaich mi clàr “seann-fhàsanta” (mar a bha againne orra) oir cha robh inneal-chlàr agam san t-seòmar agam – agus cha robh mo phàrantan cho measail air a’ cheòl agam san t-seòmar-suidhe.

An uair sin, nuair a ghluais mi dhan chiad àite agam fhìn, cha robh inneal hi-fi sam bith agam, cha bhithinn ag èisdeachd ri ceòl ach aig a’ choimpiutair. Agus gach turas a dh’ imrich mi, bha mi a’ coimhead air ultach beag nan clàraichean seann-fhàsanta, agus a’ faighneachd dhiom fhìn am biodh feum agam orra idir. Ach chum mi iad.

Agus feumaidh gu bheil daoine gu leòr coltach ri sin ann, agus luchd-ciùil a tha seachd sgìth dhen t-saoghal dhigiteach agus luchd-èisdeachd a tha deònach nì a cheannachd seach faidhle a luchdadh a-nuas saor ’s an asgaidh. Tha aiseirigh a’ vinyl air tachairt anns na deich bliadhna sa chaidh – gu h-àraidh anns na gnèithean-ciùil caran neo-àbhaisteach mar indie, electronic, metal, agus mar sin air adhart. Leugh mi air Wikipedia gu bheil daoine deònach dà uair an t-airgead a chosg air clàr vinyl na air CD neo faidhle digiteach.

Agus mar a chunnaic mi air an fhéill aig an deireadh-seachdaine, tha daoine ann a tha deònach tòrr a bharrachd a chosg air seann chlàraichean – abair prìsean a bha air cuid dhiubh! (ged a bha cuid dhiubh ann an staid gu math truagh – thug an duine agam sùil air clàr air choireigin anns an robh ùidh aige agus thuirt e: “Tha e coltach gun deach seo a chleachdadh mar bhrat-ùrlair fo thaigh-bheag cait!”)

Cha robh dùil agam-sa dad sònraichte a cheannachd – ach tha mi toilichte leis an fheadhainn a lorg mi. Bidh mi ag èisdeachd ri measgachadh ciùil gu math farsaing, rudan ùra, rudan aosda, ach is toigh leam ceòl às na 70an a cheannachd air clàraichean, tha sin cho freagarrach nam bheachd-sa. Gu tric bidh mi ag èisdeachd ri ceòl aig a’ choimpiutair fad ’s a tha mi ag obair, no air inneal beag MP3 nuair a tha mi air an trèana, ach ’s e rud sònraichte a th’ ann a bhith nam shuidhe air an t-sofa le cupa tì no tè bheag agus obair fighidh agus èisdeachd ri ceòl anns an dòigh seann-fhàsanta seo, a’ coimhead air mar a tha an clàr a’ tionndadh air an inneal, an fhuaim bhlàth, agus as-dèidh 20 mionaid feumar èiridh agus an clàr a thionndadh, agus as-dèidh 20 mionaid eile feumar smaoineachadh air dè an clàr eile a-nis, agus tha sin dìreach cho comhfhurtail. Nam bheachd-sa tha e a’ toirt urraim dhan cheòl ann an dòigh gu math annasach, agus tha mi a’ tuigsinn carson a tha luchd-ciùil ag iarraidh an cuid ciùil fhoillseachadh anns a’ chruth seo. ‘S e obair-ealain a tha ann an clàr, ann an dòigh iomlan is ioma-fhìllte nach faighear le meadhan sam bith eile.

006

(The Joan Baez Ballad Book – obair-ealain taobh a-staigh a’ chòmhdaich.)
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s