Sùil air ais, sùil air adhart, sùil mun cuairt

002

Seo mìos bhon a thòisich mi am blog seo. Tha mi caran moiteil asam fhìn gun do rinn mi e, agus leis an fhìrinn innse tha an t-iongnadh orm gu bheil mi a’ sgrìobhadh ann dha-rìribh. Chan eil mi air sgrìobhadh cho tric ’s a bha mi an dòchas, ach sgrìobh mi gu leòr, nam bheachd-sa, gus toiseach snog a dhèanamh, agus bha mìos trang agam aig an obair cuideachd.

Chan eil mi buileach cinnteach a bheil daoine ga leughadh… chì mi anns an stadastaig gun robh daoine ann bho àm gu àm, ach cha do dh’ fhàg duine sam bith beachd gu ruige seo, is dòcha nach eil an stuth a sgrìobhas mi uabhasach inntinneach, no nach eil mòran aig daoine eile ri innse mar fhreagairt…

Ach co-dhiù, tha e a’ còrdadh rium-sa a bhith a’ sgrìobhadh an seo agus cumaidh mi orm. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil altan a’ mhìos seo a’ toirt deagh shealladh air ranntair a’ bhloig mar-tha: tha rud beag ann mu chuspairean co-luadair, leabhraichean is cànanan, obair olainn no calanais, biadh, beachdan pearsanta… Tha mi ag iarraidh cumail orm mar seo, le altan domhain is altan aotrom le chèile.

Rud a tha ann an dòigh a’ toirt mealladh-dòchais dhomh, ge-tà, sin gu bheil e coltach nach eil saoghal nam blogaichean Gàidhlig uabhasach beò na laithean seo – ged a tha blogaichean fhathast gu math cumanta anns na cànanan mòra, agus tha tòrr bhlogaichean inntinneach rim faighinn an dà chuid le sgeulachdan pearsanta is beachdan poileataigeach – tha mi a’ leantainn mu dhusan bhlogaichean (air a’ char as lugha) sa Ghearmailtis agus sa Bheurla, le cuspairean cho farsaing ri còraichean nam ban, siubhal, còcaireachd, dìon dàta, cànanachas is figheadh.

Tha mi air sùil a chumail air TogBlog gus faighinn a-mach cò eile a tha a’ “blogadh” sa Ghàidhlig na laithean seo, ach feumaidh gu bheil rudeigin ceàrr leis an làrach sin oir chan eil e a’ sealltainn ach altan air sgrìobhadh o chionn mios. Chaidh mi fiù ’s tro na ceanglaichean aig an duilleag sin, agus is dòcha gun sgrìobh mi rud no dhà mu na blogaichean a tha a’ còrdadh rium a dh’ aithghearr.

Seo mìos Bhrìde deiseal ma-tha, agus mìos cur an sìol a’ toiseachadh.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Sùil air ais, sùil air adhart, sùil mun cuairt

  1. Thuirt Gràisg:

    Chan ann gu tric a tha mise a’ sgrìobhadh dad air mo bhlog Ghàidhlig sna laithean seo. Uaireannan bidh mise a chur suas artagail sa Ghaidhlig air mo bhlog bheurla agus nuair a theid sin a-mach air biadh RSS air twitter cuideachd feumaidh mi a radh chan ann gun fhregairt a tha a h-uile cail. Trioblaid eile a th’agam – tha mi mothachail gu bheil mo chuid sgillean sgriobhaidh a’ dol as an uinneag beag air bheag, mean air mhean, b’abhaist do Tirnamblog a bhith gu math trang ach chan eil na laithean seo. Saoilidh mi gur ann am Facebook a tha daoine a deanamh an cuid conaltraidh sa Ghaidlig. Mar as abhaist ’s e coimhearsnachd a dhith air cha mhor a h-uile neach-ionnsachaidh.
    Chuir mi am blog agad aIR http://www.tirnamblog.com a charaid, agus sna laithean seo bidh biadh RSS a dhol gu foramnagaidhlig twitter and tirnamblog air twitter. Co aig a tha fios bidh duine no dha ga leaughadh siud’s a seo.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s