Μήδεια

020

Tha fear de na h-oileanaich phrìobhaideach agam feumach air cuideachadh air Medeia le Euripides. Tha seo a’ toirt deagh chothrom dhomh rud Seann Ghreugais a leughadh as fhìor thoigh leam. Mar as àbhaist, cha bhi iad a leughadh ach Platon. Tha Platon inntinneach gu leòr, ach as-dèidh dhomh a leughadh gu bhith gach latha anns na ceithir no còig bliadhna sa chaidh – tha mi air fàs caran sgìth dheth.

Medeia ma-tha. Leugh mi seo a’ chiad turas nuair a bha mi fhathast san sgoil, agus an dàrna turas mu 10 bliadhna as-dèidh sin, ann an clas òraidean mu a deidhinn aig an oilthigh. Agus an-dràsda, gu bhith 10 bliadhna eile as-dèidh sin (daingead, bidh fhios agaibh a-nis dè cho sean ’s a tha mi a’ fàs…), tha mi ga leughadh a-rithist agus tha e cho inntinneach sùil ùr a thoirt air an teacsa, agus air na beachdan agam fhèin mu dheidhinn an teacsa.

‘S e caractar gu math aosmhòr a th’ ann am Medeia, agus tè chudthromach ann an saoghal litreachais nan Greugach is Ròmanach. Chan eil fhios ceart againn ciamar a thòisich na sgeulachdan mu a dheidhinn agus cò às a thàinig iad. Tha a h-ainm co-cheangailte ri gnìomhair, μήδομαι, a tha a’ ciallachadh comhairlich, rùnaich, no foir-dhealbh. Anns na sgeulachdan a bu shine, b’ e tè glic, tuigseach a bh’ innte, à teaghlach rìoghail agus b’ e Helios, dia na grèine, a sheanair. Bha i gu math cumhachdmhòr agus eòlach air draoidheachd, agus cha bhiodh Iason air a bhith comasach an χρυσόμαλλον δέρας – an rùsg clòimhe òrach – fhaighinn as a h-aonais.

Ach an uair sin thachair rudan inntinneach, nochd beachdan ùra anns na sgeulachdan, gu h-àraidh am beachd gun dh’ fhuair a’ chlann aig Medeia is Iason bàs brònach no borb, agus an uair sin, nuair a sgrìobh Euripides an dràma ainmeil aige, gun do marbh Medeia fhèin iad. Chan eil fhios againn am b’ e esan a chiad duine a sgrìobh an sgeulachd mar seo, ach ma bha, feumaidh gun robh sin gu math uamhasach dhan luchd-amais. Màthair a chuireas a cuid cloinne gu bàs, air adhbhar dìoghaltais dhan duine aice – tha sin oillteil dhuinn air feadh nan linntean.

Agus as-dèidh Euripides, leasaich sgrìobhadairean eile an sgeulachd is an caracter, tè olc uaibhreach a rinn iad dhith, no boireannach lag ann am breislich… gus an do thug sgrìobhadairean an aois againne sùil ùr oirre, mar eisimpleir Christa Wolf leis an nobhail “Medea. Stimmen” (1996), a leugh mi uaireigin eadar a’ chiad is an dàrna turas a leugh mi an dràma le Euripides, agus a thug buaidh làidir orm.

Ach an-dràsda agus mise a’ leughadh an sgeulachd aig Euripides fhèin a-rithist, tha e a’ bualadh orm dè cho ioma-fhillte a tha i. Tha cuimhne agam nuair a bha an t-ollamh a’ bruidhinn oirre anns a’ chlas ud, bha e gu h-àraidh a-mach air an ἀπορία anns a’ bheil Medeia, sin facal Greugais a’ ciallachadh duilgheadas, no nach eil fuasgladh no tèarnadh ann. Agus tha daoine eile ga leughadh mar gu bheil i ro mhoiteil aiste fhèin, gu bheil i às a rian nuair a chailleas i na tha i ag iarraidh, gu bheil i lasanta is dìoghrasach agus aindeonach èisdeachd ri adhbharan reusanta.

Ach chan e sin mar a tha mise ga leughadh. Dhomh-sa, ’s e seo am puing as cudthromaiche, gu bheil i feargach agus gu bheil an ceart aice a bhith feargach. “Hell hath no fury like a woman scorned“, mar a chanas iad, ach chan e sin am puing, buileach, oir chan eil seo mu dheidhinn briseadh-cridhe agus dè cho eudmhor a tha na boireannaich. Bhris Iason an cùmhnant, am mionn eadarra, sin an ana-ceartas bunasach a thòisich a h-uile rud. Agus chan eil e fiù ’s a tuigsinn (no ag iarraidh tuigsinn) dè tha e a’ dèanamh ceàrr, agus ’s e sin a tha i a’ cur às a leth: ἀναίδεια, tha sin a’ ciallachadh nach eil nàire air. ‘S e facal gu math làidir a th’ ann, agus tha i ag ràdh gur e sin “an galar as motha aig mac an duine”.

Cuideachd, ’s e tè choigreach a th’ innte, agus tha Iason, an rìgh Kreon is a’ coimhearsnachd gu leìr a’ dèanamh dìmeas oirre, chan ann a-mhàin o chionn ’s gur e boireannach a th’ innte, ach o chionn ’s gur e “tè bhorb” a th’ innte, tè à dùthaich chèin, agus bana-bhuidseachd.

‘S e prìomh-shamla an duine laige ‘opportunist’ a th’ ann an Iason, a tha a’ sìreadh adhartachadh anns a bheatha agus a’ taghadh a’ bhoireannaich nas àbhaisteach, modhail, sàmhach, seach an tè sheòlta, air leth, a tha mi-fhreagarrach dhan t-suidheachadh aige. Agus tha Medeia, “an tè air fanaid”, a’ tilleadh gu draoidheachd is ainneart, na meadhanan a tha toirmisgte do bhoireannach àbhaisteach, modhail, sàmhach. Tha i cuideachd a’ tilleadh dhan seann chòir mhàthaireil (mas e facal seo): a’ chòir do mhàthair air beatha is bàs a cloinne.

Nise, chan eil mi cinnteach an robh Euripides ag iarraidh a h-uile rud seo a tha mise a’ faicinn ann. Ach cha chreid mi nach robh e ag iarraidh dad sam bith de na beachdan seo. ‘S e duine gu math inntinneach a bh’ ann, agus tha e coltach nach robh mòran daoine aig an àm aige fhèin ga thuigsinn gu ceart (cha robh Medeia a’ còrdadh ris an luchd-amais ann an Athens).

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s