Sùil air Alba bhon taobh a-muigh

Tha mi air Facebook gach latha, agus leis gu bheil tòrr caraidean agam aig a bheil ùidh ann am polataigs Albannach, agus leis gu bheil mi-fhìn nam bhall ann an cuid de na buidhnean Gàidhlig, bidh mi a’ leantainn an deasbaid mu neo-eisimileachd gu dlùth. Tha na pàipearan-naidheachd Albannach is Breatannach làn fiosrachaidh is bheachdan gu bhith gach latha cuideachd, agus uaireannan tha e coltach gu bheil an saoghal a’ bruidhinn air a’ chuspair seo.

Ach an seo anns a’ Ghearmailt, cha bhi mi a’ cluinntinn mòran mu dheidhinn idir. Rinn mi rannsachadh beag aig an deireadh-seachdaine, bha mi a’ coimhead air làraich-lìn nam pàipearan-naidheachd mòra cudthromach gus faighinn a-mach an deach rud sam bith a sgrìobhadh air a’ chuspair seo bho thòiseach na bhliadhna.

Anns an Süddeutsche, tha an t-alt as ùire mu dheidhinn Alba a’ bruidhinn air an uilebheist Loch Nis ^^ Tha an t-alt mu dheireadh mu dheidhinn neo-eisimileachd bho thòiseach an Fhaoilltich agus chan e ach gearr-chunntas air a’ chuspair a th’ ann, ag innse rud beag mu eachdraidh na h-Alba agus nach eil ach trian nan daoine anns an dùthaich ag iarraidh neo-eisimileachd.

Ann am Frankfurter Allgemeine, bha alt glè ghoirid ann an seachdain sa chaidh, ag aithris gu bheil luchd-polataigs Breatannach ag ràdh nach biodh Alba ceadaichte am Punnd Sasannach a chumail.

Tha am Welt a’ bruidhinn air an aon chuspair, ach tha na altan aca-san fada nas fhaide, agus tha iad a’ feuchainn ri aithris air gach taobh na cùise, le cuideam air na ceistean eaconomach (ciamar a bhiodh na bancaichean ag obair, dè mu dheidhinn polataigs nan cìsean, a.m.s.a.a.). Tha iad cuideachd a’ comharrachadh gun tàinig an teachdaireachd seo à London as-dèidh dhuinn fios fhaighinn gun ro barrachd is barrachd daoine ann an Alba airson neo-eisimileachd (tòrr is 40%, chan e 30% mar a bha na pàipearan eile ag ràdh).

Chan eil dad idir anns an Zeit – tha an t-alt mu dheireadh air a’ chuspair seo bho thòiseach an Dubhlachd, colbh leis a’ cho-dhùnadh gu bheil e nas fheàrr do dh’ Alba a bhith san Rìoghachd Aonaichte agus nas fheàrr dhan Rìoghachd Aonaichte a bhith san EU. Agus tha colbh eile ann (chan ann mu dheidhinn neo-eisimileachd gu dìreach, ach beachdan neònach air mar nach eil fàilte air daoine à dùthchanan eile ann an Alba is Sasann an-diugh) leis an duine do-chreidsinneach ud a tha air a bhith a’ fuireach ann an Alba o chionn 30 bliadhna ach a-rèir coltais chan eil e a’ tuigsinn na dùthcha idir. Feumaidh mi ràdh gu bheil an Zeit a’ còrdadh rium sa chumantas agus bha fo-sgrìobhadh agam fad bliadhnaichean, ach gach turas a leughas mi seantans bho Reiner Luyken tha mi ag iarraidh a thilgeil a-mach às an uinneig (am pàiper, chan e an duine… ged nach eil mi cho cinnteach air seo ^^)

Mu dheireadh thall, chan àbhaist dhomh an Spiegel a leughadh, ach cha robh an t-alt sin ro dhona, tha e mu dheidhinn nan ceistean airgid cuideachd agus a’ tagairt gum biodh an Euro fada nas fheàrr do dh’ Alba na am Punnd, agus gum biodh an eaconomachd aice làidir gu leòr agus gum biodh a maoineachas nas slàine na am fear aig Sasann, ach gu bheil an t-eagal ron Euro air cus dhaoine san dùthaich agus gur e seo cnag na cùise san referendum.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s