Anam nan leabhraichean

leabhraichean

Nuair a bha mi a’ sgioblachadh nan sgeilpichean air cùlaibh an deasg agam, bha mi a’ cnuasadh air carson nach toigh leam leabhraichean digiteach (cuiridh mi “leabhraichean-d” orra san alt seo ;)). Is àbhaist dhomh a bhith gu math measail air teicneòlas, gu h-àraidh ma tha coltas air rudeigin gum bi e feumail sa bheatha laitheal.

Ach ged a tha leabhraichean-d a’ sìor-fhàs nas cumanta, chan eil ùidh sam bith agam annta, agus seo an t-aobhar as motha, saoilidh mi: chan eil coltas “fìor” orra dhomh-sa.

Is toigh leam obair le leabhraichean, làimhseachadh leabhraichean, fiù ’s mas e cuspair dòrainneach a th’ ann. Tha sgeulachdan no eachdraidh co-cheangailte ri mòran de na leabhraichean agam, fiù ’s na faclairean is leabhraichean gràmair… Tha fàileadh sònraichte aca. Tha làmh-sgrìobhadh nan daoine ann aig an robh an leabhar roimhe. Tha seann shoidhnichean phrìsean orra, bho bhùithean leabhraichean air feadh na Roinn-Eòrpa. ‘S e tiodhlaicean a bh’ ann an cuid dhiubh bho charaidean còire, no thachair mi riutha gun dùil. Tha cuid dhiubh air an càradh le sellotape, tha preasan ann agus duilleagan air am fuasgladh… A bharrachd air sin, cuidichidh na preasan is na duilleagan briste mi gus na caibideilean fhaighinn a tha mi a’ lorg!

Cuidichidh na leabhraichean mi gus m’ aire a thoirt ri rudeigin. Tha iad seasmhach. Tha earbsa agam annta.

Bha mi an-còmhnaidh mar sin. Nuair a bha mi nam nighean bheag, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis na seann leabhraichean aig muinntir is caraidean mo mhàthar. Tha deagh chuimhne agam cò ris a bha na sgeilpichean aca coltach, dè am fàileadh a bha aig na leabhraichean, ged nach eil aghaidhnean nan daoine fhèin soilleir nam inntinn a-nis. Chuir mi iomadh feasgar geamhraidh seachad ann an oisean seòmar-suidhe air choireigin, fad ’s a bha na h-inbhich a’ cabadaich, mi leam fhìn le leabhar mòr trom, seann leabhar-eòlais mar eisimpleir, oh bha mi cho measail orra-san! Abair saoghal a bha ri fhaiginn annta.

Tha diofar mòr ann eadar fìor leabhar, rud corporra, is faidhle digiteach. Nuair a bhios sinne sean, am bi clann òg fhathast air am beò-ghlacadh le seann leabhraichean? An cuir sinn na seann leabhraichean againn dhaibh, no am bi fiù ’s ùidh aca ann? Ciamar a cheanglar sgeulachdan is eachdraidh beatha ri faidhlichean? Am mair faidhlichean digiteach fichead no leth-cheud bliadhna idir?

Tha iomadh aobhar eile ann carson nach toigh leam am beachd gum faodadh leabhraichean pàiper a’ dol à bith. Bhiodh saoghal leabhraichean – cultar leabhraichean – nas lugha an uair sin. Chan urrainnear leabhar-d a reic mar a thogras sinn, chan urrainnear a thoirt do chudeigin le dùrachd phearsanta sgrìobhte ann, fhalach ann an sgeilp aig deagh charaid mar fhealla-dhà, a chur dhan leabhar-lann sgoile, fhagal air an trèana no air being sa pharc, no a thoirt do dhuine gun dachaigh anns an t-sràid.

Bidh feadhainn ag ràdh gu bheil leabhraichean-d cho feumail, mar eisimpleir airson  siubhal, chan fheumar dusan leabhraichean a ghiùlan sa mhàileid, faodar ceudan leabhraichean a thasgadh anns an inneal beag ud… Ach cia mheud leabhraichean a dh’ fheumar air saor-laithean dha-rìribh? Gu tric cha toir mi leabhar sam bith leam. Nach eil e inntinneach a bhith a’ coimhead air na leabhraichean tuaireamach san t-seòmar-suidhe anns an taigh-òsda no osdail-òigridh? Sgeilp bheag san oisein le seann leabhraichean a dh’ fhàg aoighean eile, no leabhraichean air an sgrìobhadh le cuideigin bhon sgìre… Uaireannan thachair mi ri measgachadh fìor neònach ann an àiteachan mar sin agus leugh mi rudeigin air nach robh dùil agam a-riamh.

No rud eile a nì mi nuair a thèid mi thall thairis, ceannaichidh mi iris no pàipear-naidheachd dùthchasach agus feuchaidh mi ris a leughadh, fiù ’s ma tha an cànan doirbh dhomh, agus tha sin uabhasach inntinneach gus rud beag ionnsachadh mun àite far a bheil mi. A’ dol air saor-laithean le coimpiutair làn leabhraichean, tha sin coltach ri campadh le càr làn bìdh bhon dachaigh, nam bheachd-sa.

Gearr-chunntas: Chan eil anam aig leabhraichean-d. Tha iad a’ toirt bhuainn iomadh cothrom is sealladh. Chan eil mi gan iarraidh.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s