Coisreagadh

003

Seann guidhe do Bhrìde bho Liber Hymnorum às an 11mh linn:

Brigit bé bithmaith
Breó orda óiblech
donfe don bithflaith
in grian tind toidlech

eadar-theangachadh:

Bhrìde, tè airidh
lasair òrach bhoillsgeadh
gun treòraich i don fhlaitheis bhith-bhuain sinn
a’ ghrian dhrilseach dhealrach

~~~ ~~~ ~~~

Nise ma-tha, seo am blog ùr agam. Bha mi a’ cnuasadh air sin greis mar-tha, ach cha robh mi cinnteach dè gu mionaideach a bha mi ag iarraidh, agus tha mi air ionnsachadh bho iomadh pròiseact eile nach bu chòir dhomh rudeigin a thòiseachadh mura bheil beachd soilleir agam mu dheidhinn.

Ach bha mi ag iarraidh blog, dh’ fhàs am beachd seo nas làidire. Agus an uair sin bha fhios agam gun robh mi ag iarraidh blog sa Ghàidhlig, ged a tha sin a’ ciallachadh gun cuir mi bacadh air tòrr de na caraidean agam na rudan seo a leughadh. Ach air an làimh eile, tha mi dhen bheachd gu bheil sinn feumach air barrachd Gàidhlig air an lìon. Barrachd bheachdan, barrachd sgrìobhaidh, barrachd stuth tuiteamach à beatha àbhaisteach.

So, dè bhios a’ tachairt an seo? Uill, bidh mi a’ sgrìobhadh mu iomadh rud nam inntinn is nam bheatha. Cànanan, polataigs, siubhal, ealainean, leabhraichean, caraidean, ceòl, ciùird, ban-diathan, gàirnealachd, còcaireachd, feallsanachd, rannsachadh, rudan beaga, rudan mòra, rudan cudthromach, rudan gòrach 🙂

Chan eil mi fiù ’s cinnteach gum bi na rudan a sgrìobhas mi an seo uabhasach inntinneach do mhòran daoine. Agus tha deagh fhios agam gum bi cuid de na rudan a sgrìobhas mi rud beag neònach no is dòcha mi-chomhfhurtail do chuid.

Ach seo rud eile a bha mi a’ cnuasadh air: Gu tric nam bheatha, tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi a’ falach pàirt air choireigin dhiom, o chionn ’s gu bheil an t-eagal orm gu bheil e “ceàrr” no “mì-fhreagarrach” san t-suidheachadh sin. Cha bhi mi ag innse bhreugan, ach cha bhi mi ag innse an fhìrinn shlàn nas motha. Bidh mi a’ cumal pàirtean eadar-dhealaichte mo bheatha air sgaradh, air leth. Agus uaireannan tha mi seachd sgìth dheth. No is dòcha gu bheil mi dìreach aosda gu leòr a-nis agus tha e air fàs nas fhasa dhomh a’ bhith a’ faireachdainn coma co-dhiù dè bhios na daoine a’ smaoineachadh mu mo dheidhinn, mu dheidhinn nan cur-seachadan agam, mu dheidhinn a’ chreideimh agam, mu dheidhinn nam beachdan polaitigeach agam, mu dheidhinn a’ chiùil as toigh leam, mu dheidhinn an aodaich as toigh leam…

Mar sin dheth, an seo tha mi ag iarraidh àite far an tig a h-uile rud còmhla. Seo am blog agam-sa agus bidh mi a’ sgrìobhadh mun a h-uile rud a thogras mi 🙂

Seo am plana agam, gum foillsich mi alt co-dhiù turas gach seachdain, aig an deireadh-seachdaine, agus uaireannan is dòcha alt beag no dà tron t-seachdain ma bhios an sunnd orm. Tha fàilte chridheil oirbh èisdeachd rium an seo!

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s